Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha Comann Rìoghail Tuathanachais-gharraidh a’ comharrachadh gur e seo Seachdain Nà iseanta Gà irneilearachd. Le prìs lusan agus measan a' fàs cho daor, tha barrachd dhaoine a’ coimhead airson dòighean air airgead a shà bhaladh 's iad a' cur agus a' fàs an cuid fhèin. Bha triùir còmhla rinn a th' air a bhith gu math trang sa gharradh agus thug iad dhuinn comhairle air mar a tha iad fhèin a' sà bhaladh na sgillinnean.
Bha Aonghas Pà draig Caimbeul a' rùileach tro thasglann nam pà ipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain s' ann an eachdraidh. An t-seachdain seo thug e sùil air Mac Talla, pà ipear-naidheachd à Ceap Breatainn.
Rugadh cèiliche na seachdain sa, Danny MacAoidh, ann am Bail' an Truiseil air taobh siar Eilean Leòdhais. Nuair a bha e naoi-bliadhna-deug ghluais e a Lunnainn far an robh e a' fuireach airson còrr is deich bliadhna fichead mus do thill e a Leòdhas. Tha e an-diugh a' cur seachad an tìde air tractar 's leis an taraisgeir, no a' cluiche clà ran ceòl country air an stèisean ionadail Isles FM.
Bha là ann, 's nam b' e 's gu robh sian ceà rr air einnsean a' chà r, gu feuchadh tu fhèin neo cuideigin meadhanach eòlach, air a chur ceart. Ach a bheil na là ithean sin seachad a-nise 's gu bheil cà raichean an crochadh cho mòr air coimpiutair? Chuala sinn bho fheadhainn ris an robh e a' còrdadh a bhith a' rumastaireachd ann an einnsean!
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 5 May 2024 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal