Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Mgr Earraig Kwiecień

Còmhla ri Mgr Earraig Kwiecień, sagart-paraiste Eaglais Naomh Anndra, Eilean Bhòid. Service with Fr Earraig Kwiecień, parish priest of St Andrew's, Rothesay.

Raibeart MacDhonnchaidh a’ seinn A’ Thighearna Dia
Anna Nic na Cèardaich a’ seinn Magnificat
Aoibhneas Mòire Mhìn air a sheinn le Joanne Mhoireach
Kathleen NicAonghais a’ seinn Reul Àlainn a' Chuain
Màiri Catrìona Nic Nèill a’ seinn A Mhoire-mhìn gheal

Leughaidhean:
Eòin 19: 25=27
Gnìomharan nan Abstol 1: 12-14

'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigeach ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart còrr air fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e an sin airson seachd bliadhna agus thug e a-mach ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thìll e dhan Phòlainn còrr is deich bliadhna air ais, thòisich e aig obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairtean. Bha e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laideann ann agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' Cholaiste.

A thaobh a' cheangal a th’ aig Mgr Earraig ris a’ Ghàidhlig, mar a thuirt e fhèin,“ ‘S e sgeul gaoil a tha sin.â€
Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e an sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairtean ann an diofar pharaistean. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thadhail e air tòrr àiteachan ann an Alba agus rinn e tòrr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e, “làndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghàidhlig.â€
Dh'ionnsaich e an cànan tro chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, ann am Flòdaigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus mu dheireadh thall thàinig Mgr Earraig na shagart gu Sgìr' Easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean an uiridh. Bha e an toiseach na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban ach bho chionn ceala-deug às dèidh bàs Mhgr Ruairidh MhicIain chaidh Mgr Earraig a' dh'Eilean Bhòid na shagart-paraiste ann an Eaglais Naomh Anndra.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 28 Apr 2024 09:00
  • Sun 28 Apr 2024 15:00