Còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul
Seirbheis còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul bhon Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Roddy John Campbell, retired minister Free Church Tolsta.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 67: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Iain MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 32: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Gordon MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Paibeil, an Uibhist a Tuath.
Salm 130: 7-8 air fonn Walsall agus ‘s e Coinneach M MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Leughadh: Ròmanaich 5: 12-21
Ròmanaich 5: 19
Rugadh is thogadh Mgr Caimbeul ann am baile Lìonail ann an Nis. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na iar-mhanaidsear airson còig bliadhna deug air aon de bhùithtean a' Cho-op ann a Steòrnabhagh. Thill e air ais dhan sgìre aige fhèin às dèidh sin, far an robh e ag obair aig Comunn Eachdraidh Nis airson trì bliadhna. Rinn e ceum tron Oilthigh Fhosgailte agus às dèidh sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1996. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath ann an 1999 agus leig e dheth a dhreuchdann an 2021. Tha Mgr Caimbeul air tilleadh a dh’fhuireach ann an Nis agus a' dèanamh tòrr obair an luib a' Chomunn Eachdraidh a-rithist.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 7 Apr 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Apr 2024 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2024 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal