le Maureen NicLeòid
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Maureen Nicleòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen Macleod.
A bheil ceòl dùthchail air fàs fasanta am measg ginealach nas òige? Fhuair sinn beachd bho thriùir a tha den bheachd gu bheil.
'S e an-diugh Là Sabaid na Cà isge agus bidh gu leòr de theaghlaichean a' cruinneachadh airson diathad na Cà isge. Dh'iarr sinn air dà chòcaire, Seonag Nic a' Ghobhainn agus Ailean MacRisnidh, clà r-bidhe sònraichte a chur ri chèile dhuinn.
A-rèir aithris a thà inig a-mach an t-seachdain a chaidh, tha an à ireamh de chloinn nach eil a' dol gu à rd-sgoile gu cunbhalach ann an Alba air a dhol a meud. Tha na h-à ireamhan air à rdachadh gu h-à raid sna bliadhnaichean bho ghlasaidhean-sluaigh Covid agus thathar an dùil gur e slà inte-inntinn fear de na prìomh adhbharan air a shon. Fhuair sinn beachd bho cheathrar a th' air a bhith an sàs ann am foghlam thar nam bliadhnaichean air dè an dòigh as fheà rr clann a bhrosnachadh gus a dhol dhan sgoil gu cunbhalach?
B' e Diardaoin Là a' Phià na, là sònraichte a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 le buidheann dè luchd-ciùil a tha dèidheil air a bhith ga chluich. Bhon uair sin tha an là air a chomharrachadh air feadh an t-saoghail le cuirmean sònraichte air à rd-ùrlar, air an eadar-lìon, air radio agus ann am podcast. Bhruidhinn Maureen ri triùir a tha dèidheil air a bhith cluich a' phià na agus innsidh iad dè am fonn a thaghadh iad fhèin airson a chluich.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 31 Mar 2024 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal