Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Maureen NicLeòid

Às aonais teicneòlas, ciamar a bha ar sinnsearan a' tomhais na h-aimsir? Le Maureen Niclèoid. How did our forefathers predict the weather? With Maureen Macleod.

Le barrachd agus barrachd dhaoine gam faighinn fhèin ann am fiachan, air sàilibh 's gu bheil iad a’ strì le cosgaisean bith-beò, tha sgeama ùr ann airson faochadh a thoirt do dhaoine nach urrainn am fiachan a phaigheadh. Mìnichidh an neach-cunntais Faye Nicleòid dè dìreach a th’ anns an sgeama Debt Relief Orders - cò a tha airidh air agus cuin a bhitheamaid a’ cur feum air.

An-diugh tha sinn le Apps agus teachdaireachdan air na fònaichean-làimhe a dh'innseas dhuinn dè seòrsa aimsir a bhios againn ann an sgìre sam bith den t-saoghal - fuar, blath, grianach, sgòthach, fliuch, tioram, socair no stoirmeil - chan ann a-mhain an latha sin fhèin ach airson an t-seachdain a tha romhainn. Ach às aonais teicneòlas dè na comharran a bh' aig ar sinnsearan airson an aimsir a thomhais?

Buinidh cèiliche na seachdain sa ri sgìre a' Chlachain ann an Uibhist a Tuath. Ach bho dh'fhag i Uibhist tha i air a bhith 'Air An Rathad', a' dèanamh 'Leugh agus Seinn' agus an sàs ann an iomadh pròiseact Gàidhlig aig a' BhBC, An Lòchran agus Comhairle nan Leabhraichean bhon uair sin. Ged a tha Linda NicLeòid a' fuireach an Glaschu an-diugh tha dùil aice, ann an àm gun a bhith fada, a dachaigh a dhèanamh san Eilean Sgitheanach.

57 minutes

Last on

Wed 3 Apr 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 3 Apr 2024 09:00
  • Wed 3 Apr 2024 22:25