Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Òrain maireannach, agus carson a tha sinn fhathast a' seinn cuid de dh' òrain is gu leor eile air air dìochuimhne? Why do some songs stand the test of time?

Tha sinn uile eòlach air an t-òran I Will Always Love You, tha leth cheud bliadhna ann bho chaidh a' sgrìobhadh le Dolly Parton. Tha feadhainn eile air an t-òran a’ chlàradh bho’n uairsin, Whitney Houston, Linda Ronstadt, LeAnn Rimes agus Sarah Washington nam measg. Dè is coireachd gu bheil cuid de dh’ òrain cho maireannach agus a cheart cho tarraingeach, as dèidh 50 bliadhna? Tha Cathy a'còmhradh ri dithis a tha gu mòr an sàs ann an saoghal a chiùil, Donnchadh Dòmhnallach agus Coinneach Stiùbhart.

Tha Casualty air a bhi air an telebhisean fad ochd bliadhna deug thar fhichead, 's e glè bheag againn nach fhaca Casualty aig àm air choireigin, agus ‘s e gle bheag againn nach eil eòlach air aon dha na prìomh charactaran - Charlie Fairhead. Dh'fhàg Derek Thomson a bha a’ cluich an caratar Charlie oidhche Shathairne. A bheil aon charatar a' fàgail a' toirt uiread de bhuaidh air prògram nach eil e an aon rud tuilleadh?

Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul air ais, is e air a bhith a' rùileach tro thasglann nam pàipearean-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain s' ann an eachdraidh. An-diugh obair an ola, Ciseorn, Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus Rìgh a Bhuntàta.

Agus tha Micheal MacNèill a' minneachadh na thachair ann an eachdraidh Haiti a dh'fhàg gu bheil an dùthaich san t-suidheachadh èigeannach as a bheil i an-diugh.

57 minutes

Last on

Tue 19 Mar 2024 22:25

Music Played

  • North Sea Gas

    Kishorn Commandoes

    • Scottish Destiny.
    • Scotdisc.
    • 14.

Broadcasts

  • Tue 19 Mar 2024 09:00
  • Tue 19 Mar 2024 22:25