An Dr Iain Mac a' Ghobhainn
2/3 An Dr Iain Mac A' Ghobhainn a' seanchas ri Jo NicDhòmhnaill mu bheatha na dhotair teaghlaich. Dr John Smith in conversation with Jo MacDonald about his life as an island GP.
B’ ann air an teilidh, uaireigin sna trì ficheadan, a chunnaic Jo NicDhòmhnaill an Dr Iain Mac a’ Ghobhainn an toiseach. Cha robh air ach paidhir pyjamas agus bha e na shuidhe air ciste-teatha! Bha adhbhar airson sin, mar a chuala sinn, nach robh idir co-cheangailte na dhreuchd mar dhotair teaghlaich. A bharrachd air a bhith na dhotair tha Iain Mac a’ Ghobhainn air mòran a chur ri soirbheachas An Lanntair, an t-ionad ealain ann a Steòrnabhagh, agus tha e aithnichte am measg phìobairean mar eòlaiche agus mar bhritheamh, ’s chan eil a sin ach cuspair no dhà air an tug e fhèin 's Jo tarraing sa chòmhradh a bh' aca thairis air na trì prògraman san t-sreath.
San dà rna prògram, tha e ag innse mu bhuille uabhasach a dh'fhulaing an teaghlach aige nuair a bha e fhèin sa bhliadhna mu dheireadh san oilthigh, cluinnidh sinn mar a chaidh e a dh'obair dhan Ghearsdan, Middlesborough agus dhan eilean Sgitheanach. Gheibh sinn a-mach cuideachd carson a thill e a Shasainn às dèidh dha pòsadh agus na thug orra tilleadh dhachaigh a Leòdhas, far a robh e na dhotair teaghlaich iomadh bliadhna às dèidh sin.
On radio
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 4 Mar 2024 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Mar 2024 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Mar 2024 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2024 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal