Còmha ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Dè an t-à ite as annasaiche anns an cuala sibhse Gà idhlig ga bruidhinn? Air Seachdain na Gà idhlig, bha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn a chuala i ann an à itichean gu math à raid - ann an lioft ann a St Petersburg, ann an coille iomallach ann an Àstrà ilia agus ann an ceà rnaidh na dhà eile!
'S ann do dh'eilean Cholbhasa a bhuineas cèiliche na seachdain. Tha Seonaidh MacPhà idein an-diugh a' tà mh ann am Fìobha ach tha beatha-obrach air leth inntinneach air a bhith aige an cois Feachd an Adhar, na oifigear-slà inte meidigeach agus an cois luchd-teasairginn nam beann. Bha e ann am Bosnia agus an Kosovo fhads a bha cogadh a' dol sna dùthchannan sin agus tha e cuideachd air ùine a chur seachad air Everest, an cois sgioba-teasairginn a sin. An-diugh, tha e ann an còmhlan roc agus dèidheil air a bhith a' riagail air motair-baidhsagal!
Chùm Comann Mhuile 's Eilean Ì an cruinneachadh aca - a' chiad chuirm dhen bhliadhna - Disathairne a chaidh. Ach dè cho soirbheachail 's a tha na comainn ann an Glaschu sa là a th' ann? Bha Cathy ann an còmhradh ri riochdairean bho chuid de na comainn mun t-slighe air adhart.
Chaidh John Neil Dòmhnallach a dh'fhaicinn am film One Love, mu bheatha Bob Marley. Dè shaoil e dheth? Chunnaic e Bob Marley a' cluich ann an Apollo Ghlaschu ann an 1980, an aon chuirm a rinn e a-riamh ann an Alba.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 25 Feb 2024 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal