le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Air Dimà irt na h-Inide, no Là nam Foileagan mar a chanas sinn ris ann am Breatainn, chuala sinn mar a tha a' là air a chomharrachadh ann an dùthchannan eile sa Roinn Eòrpa.
Chomharraich Bagpuss, an cat striopach pinc, a bha ainmeil bhon phrògram tbh chloinne leis an aon ainm, ceann-bliadhna sònraichte Diluain 's e leth-cheud bliadhna a dh'aois. Bha triùir còmhla ri Cathy 's iad a cuimhneachadh air na prògraman chloinne a bhiodh iadsan a' coimhead nan òige.
Bha cèiliche na seachdain eòlach air a bhith air an à rd-ùrlar ann an iomadh suidheachadh - eadar a bhith na chleasaiche, a' dèanamh òraidean aig bainnsean, agus na fhear an taighe aig cèilidhean agus drà ma gu leòr na luib cuideachd. 'S e Tom MacÌomhair a bh' air aoigheachd aig Cathy.
An deà nadh sibhse a' chùis as aonais teatha? Chuala sinn meahdna na seachdain gur dòcha nach bi uimhir dhith ri fhaighinn sna bùithtean, ri linn trioblaidean bathar na Mara Ruaidhe. Chuala sinn bho fheadhainn ga bheil an naidheachd na chuis-uamhais!
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 18 Feb 2024 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal