Sgeulachd Aonghais Iain Kong à Nis
Aonghas Iain Kong a' meòrachadh air an obair agus na ceà rnaidhean air an do thadhail e ann an gnìomhachas na h-ola. Angus J MacLean looks back at his career in the oil industry.
Tha Aonghas Iain MacIllEathain, neo Aonghas Iain Kong mar is fhèarr a dh’aithnichear e sa sgìre aige fhèin, ann an còmhradh ri Maureen NicLeòid mu bheatha. Niseach a th' ann gu cinnteach ach fear cuideachd a chuir a chasan air tìr ann am iomadach ceà rnaidh dhen t-saoghal tro bheatha obrach. Thairis air an t-sreath ghoirid seo cluinnidh sinn mu na h-à itichean air na thadhail e tro obair ann an gnìomhachas na h-ola agus an t-eòlas a chuir e air a’ ghnìomhachas agus air na daoine. Ach aig deireadh an latha, cha robh cà il cho tarraingeach nuair a leig e dheth a dhreuchd na machraichean, lotaichean is othaisgean Nis.
Anns an dà rna prògram tha Aonghas Iain ag innse mar a dhèilig e fhèin gu pearsanta ri tubaist a’ chlà r òla, Piper Alpha, an tubaist bu mhotha a bha sa Chuan a Tuath agus a’ bhuaidh a bh’ aig na thachair air gnìomhachas na h-ola agus sà bhailteachd sa Chuan a Tuath.
Tha sinn cuideachd a’ cluinntinn bhuaithe mu thachartasan eile san à ite obrach aige, an turas seo ann an Algeria, agus an taic a thug e fhèin dhaibh le a chuid eòlais.
On radio
More episodes
Broadcasts
- Mon 12 Feb 2024 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Feb 2024 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Feb 2024 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Next Tuesday 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal