le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air colbhan-beachd nam pà ipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.
'S iad Iain S Moireasdan agus Murray MacLeòid a tha a' toirt sùil air colbhan-beachd bho phà ipearan na deireadh-sheachdain.
Nì John Neil Dòmhnallach lèirmheas air an fhilm One Life far a bheil an cleasaiche ainmeil Anthony Hopkins a' cluich Sir Nicholas Winton a shà bhail 669 duine-cloinne bho na Nà saich aig toiseach an dà rna cogadh. Cha robh fios aig mòran air sgeulachd Nicholas Winton gus an tug Esther Rantzen e fhèin agus eachdraidh gu aire a' mhòr-shluagh air a' phrògram tbh aicese, That's Life! anns na h-ochdadan.
Bha sreath de phrògraman air ITV an t-seachdain a chaidh, Mr Bates vs the Post Office, a th' air bilean an t-sluaigh. Bha an t-sreath ag innse mar a chuir Oifis a' Phuist casaidean às leth cuid de luchd-obrach na h-oifisean-puist gun robh iad ri foill nuair a nochd fios air an t-siostam coimpiutaireachd ùra aca gu robh airgead a' dol a dhìth. Bha an t-sreath a' leantainn sgeulachdan pearsanta cuid den luchd-obrach a dh'fhuiling ri linn na casaidean, agus a' togail air a' mhì-cheartas a lean gus an tug Ailean Bates 's a charaidean a' chùis gu lagh.
Last on
Broadcasts
- Mon 8 Jan 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 8 Jan 2024 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal