Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh de chèilichean na seachdain 1/2

Taghadh de chuid de na còmhraidhean a bh' aig Cathy le cèilichean a bha air aoigheachd oirre tron bhliadhna. A selection of interviews with this year's special guests.

'S iomadh cèiliche inntinneach a th' air a bhith air aoigheachd aig Cathy NicDhòmhnaill tron bhliadhna agus 's iomadh còmhradh tarraingeach a tha sinn air a chluinntinn. A seo tha sinn a' faighinn taghadh dhiubh:

Chuala sinn Iain MacAonghais à Stafainn san Eilean Sgitheanach, a chuir seachad sia bliadhna a' fuireach ann am Botswana far an robh e a' teagasg ann an sgoil ann am meadhan fàsach a' Khalahari.

Buinidh Màiri Ward do bhaile Bhrù ann a Leòdhas ach tha i an-diugh a' fuireach ann a Cille Mheàrnaig. Chuir i cuibhreann de beatha seachad ann an Afraga a Deas 's tha sinn a' cluinntinn mu cò ris a bha sin coltach aig àm nuair a bha apartheid làidir.

Tha an Caiptean Alasdair Mac a' Ghobhainn air a bhith na sgiobair air bàtaichean ann an iomadh ceàrnaidh den t-saoghal agus bha e an luib rannsachadh a bha a' sgrùdadh grunnd na mara anns na cuantan far a bheil an doimhneachd as motha.

Rugadh Gary MacFhearghais ann an Glaschu 's thogadh e sa Leargaidh Ghallda. An dèidh òige a chur seachad an ceann a chosnaidh air bàtaichean iasgaich agus sa Chabhlach Mharsanta, thill e gu foghlam 's thòisich e ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' dìreadh bholcànothan 's tha sin air a thoirt gu Meagsago, Cambodia, Borneo agus iomadh dùthaich eile, a' togail airgid do charthannas.

57 minutes

Last on

Wed 27 Dec 2023 22:25

Broadcasts

  • Wed 27 Dec 2023 09:00
  • Wed 27 Dec 2023 22:25