le Cathy NicDhòmhnaill
Dè na bùithean a bu mhiann leibh a bha fhathast timcheall 's a Nollaig a' teannadh dlùth? As we hurtle towards Christmas, what shops do you miss on the high street and locally?
Am bu chòir banachdach a' phiocais a thoirt do leanabain aig bliadhna agus bliadhna gu leth a dh'aois? Sin a' cheist a nochd anns na naidheachdan an t-seachdainn s'. Tha an Dotair Donna Kelly a' toirt beachd air a' cheist, 's clann òg aice fhèin cuideachd.
Le dìreach beagan sheachdainean a-nise chun na Nollaige, tha sinn a' faighneachd dè na bùithean a bu mhiann leibh a bha fhathast ann? 'S iomadh bùth a th' air a dhol à sealladh, 's na bailtean mòra agus gu h-ionadail, agus tha aoighean againn gan cuimhneachadh.
Tha a' chompanaidh Volvo air innse gu bheil iad dol a sgur a reic an cà r 'estate' aca ann am Breatainn. B' e cà r gu math aithnichte a bh' ann fad 70 bliadhna, 's ris an canar uaireannan, ann an dibhearsan, 'wardrobe on wheels'! Tha Cathy ann an còmhradh ri triùir a bha gu math dèidheil orra.
Tha Mark Wringe a' toirt beachd air an leabhar as ùire aig Zadie Smith, The Fraud. Tha an sgeulachd air a tharraing bho rud a thachair ann an cùirt-lagha aig à m na Bhioctorianaich. Ach am bi e cho soirbheachail dhi 's a bha White Teeth uaireigin?
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 16 Nov 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 16 Nov 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal