Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Cò direach a bh' anns an Àrd-Ollamh Iain Seumas Rankin MacLeòid? Dr Catriona Macrae looks back on the life and legacy of Scots Nobel prize-winner, Professor JJR Macleod.

Chaidh ìomhaigh ùr fhoillseachadh ann an Obar Dheathain bho chionn ghoirid, ìomhaigh umha dhen Àrd-Ollamh Iain Seumas Rankin MacLeòid. Choisinn e duais Nobel bho chionn 100 bliadhna, airson an obair mhòr a rinn e mu choinneamh tinneas an t-siùcair. Cò direach a bh' ann agus dè bhuaidh a thug e air saoghal leighis?

Tha barrachd pasta ga ithe ann an Glaschu na àite sam bith eile am Breatann. Tha sin a rèir rannsachaidh a chaidh a dheànamh mu choinneamh World Pasta Day na bliadhna seo! Tha an còcaire, Ùisdean MacLeòid a' toirt comhairle mu dè mar a nì thu am pasta agad fhèin seach a cheannach.

'S e Iain Tormod Dòmhnallach, cèiliche na seachdain. 'S ann à Lingreabhagh anns na Hearadh a tha Iain Tormod, baile a bha gu math ainmeil aig aon àm nuair a bha dùil cuaraidh mòr a chladhach ann. Rinn Iain Tormod a dhachaigh ann an Glaschu bho chionn iomadh bliadhna. Cluinnidh sinn mun a sin agus mu na ceàrnaidhean dhen t-saoghal sa bheil e air a bhith a' siubhal.

57 minutes

Last on

Wed 25 Oct 2023 22:25

Broadcasts

  • Wed 25 Oct 2023 09:00
  • Wed 25 Oct 2023 22:25