Main content
Sorry, this episode is not currently available

Scottish Women Artists - 250 Years of Challenging Perceptions

Cuairt air obair ealain bhoireannaich Albannaich, a' dol air ais 250 bliadhna. Cathy and guests view the exhibition, Scottish Women Artists-250 Years of Challenging Perceptions.

Tha an taisbeanadh Scottish Women Artists - 250 Years of Challenging Perceptions ri fhaicinn chun 6mh den Fhaoilleach aig Dovecot Studios an Dùn Èideann.

San Dàmhair thug Cathy agus a h-aoighean, Angela NicEachainn, Dolina NicIllinnein, Elspeth Turner, Rona Wilkie agus Deirdre Nì Mhathuna, cuairt timcheall na tha ri fhaicinn.

Mar a tha an tiotal ag innse, tha e a' ruith air eachdraidh obair ealain bhoireannaich Albannaich, a' dol air ais 250 bliadhna. B' i Catherine Read (1723-78) à Dùn Dè, a' chiad boireannach Albannach a fhuair trèanadh oifigeil mar ealanaiche aig àm far nach robh sin idir àbhaisteach. Tha sinn a' cluinntinn mu deidhinnse, mu na Glasgow Girls agus iomadh ealanaiche eile tro na linntean.

Tha na dealbhan air an tarraing bho Chruinneachadh MacPhlèiminn - tasglann phrìobhaideach Albannach. Tha na h-aoighean a' taghadh an fheadhainn as fheàrr leotha fhèin agus a' toirt beachd air an seòrsa saoghal a bh' aig na h-ealanaichean sin nan àm fhèin.

57 minutes

Last on

Thu 28 Dec 2023 22:30

Broadcasts

  • Thu 19 Oct 2023 09:00
  • Thu 19 Oct 2023 22:10
  • Thu 28 Dec 2023 09:00
  • Thu 28 Dec 2023 22:30