Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha na buidhnean carthannais Cancer Research agus Action For Children a' comharrachadh a' mhìos seo mar Move More September 's iad airson daoine a bhrosnachadh gus barrachd eacarsaich a dhèanamh le bhith dol a-mach a choiseachd agus, aig an aon à m, airgead a thogail dha na buidhnean carthannais. Chuala sinn bho thriùir a tha gu math dèidheil air a bhith a' coiseachd mu na cuairtean a mholadh iad fhèin.
A rèir obair rannsachaidh, tha barrachd air a' chòigeamh cuid den aodach a th’ air a cheannach air-loidhne ann am Breatainn air a thilleadh air ais air sgà th 's meud an aodaich. Tha a' mhòr-chuid a' gearain nach eil meud no saidhs an aodaich a rèir na th' air a shannasachd. Fhuair sinn beachd bho fheadhainn a tha mìn-eòlach air aodach a chruthachadh agus a cheannach: a bheil iadsan air mothachadh gu bheil meud aodaich eadar-dhealaichte a rèir 's cà ìt an teid a cheannach?
Bha Seonaidh MacFhilip na Chèiliche na Seachdain. Rugadh is thogadh Seonaidh eadar A' Chomraich, Cà rlabhagh agus Steòrnabhagh ach e air a bhith ann an iomadh dùthaich bhon uairson - Canada, an Eilbheis agus an Òlaind. Tha Seonaidh an-diugh na Urrasair aig Sabhal Mòr Ostaig, a tha comharrachadh 50 bliadhna mar cholaiste air an t-seachdain seo fhèin.
Chuala sinn mu Sheonaidh Caimbeul à Uibhist a Deas - Seonaidh mac Dhòmhnaill 'ic Bhà in (1859 -1945) à Baghasdal a Deas. Chaidh lorg fhaighinn bho chionn ghoirid air criomag comhraidh a chaidh a chlà radh còmhla ri Seonaidh ann an 1935. Tha sinn a' cluinntinn guth Sheonaidh fhèin ag innse seanchas agus bha Flòraidh Forrest à Tobair an Dualchais ag innse an tuilleadh mu dheidhinn fhèin agus mu cho luachmhor 's a tha a' chriomag seo.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 24 Sep 2023 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal