Còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn bhon Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service conducted by the Rev John Smith, Free Church (Continuing).
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 4-6 air fonn Evan agus 's e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgiathanach.
Salm 126: 1-2 air fonn Coleshill agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh
Salm 21: 5-6 air fonn Kilmarnock agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.
Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016. Tha Mgr Mac a’ Ghobhainn an-diugh air ais ann an Leòdhas, a’ fuireach ann an Ceann a Tuath nan Loch agus air a dhreuchd a leigeil dheth. Tha e fhathast a’ searmonachadh agus a-nise a' cur seachad tòrr ùine aig an taigh a’ dèanamh rud a tha a còrdadh ris gu mòr, ‘s e sin DIY.
Last on
Broadcasts
- Sun 24 Sep 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Sep 2023 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal