Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1259
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1259. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 3 Sep 2023
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 955
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1259
Duration: 05:00
Litir 1259: Am Foghar
Cuin a tha am foghar a’ tòiseachadh? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘when does autumn begin?’ Tha am facal foghar, fomhair, foghar a’ ciallachadh harvest a bharrachd air autumn. Ach an-drà sta tha mi a’ smaoineachadh air rà ithean na bliadhna – an t-earrach, an samhradh, am foghar ʼs an geamhradh.Ìý
Tha rud air mo bheulaibh a tha ag rà dh gu bheil am foghar a’ tòiseachadh air a’ chiad latha dhen Mhà rt. Tha e a’ tighinn gu ceann air an latha mu dheireadh dhen Chèitean. Bidh sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi air a dhol às mo rian. Ach tha mi a’ leughadh là rach-lìn Astrà ilianach! Ach, chanainn nach eil na deitichean sin uabhasach ciallach ann an Astrà ilia. Bha mi o chionn bhliadhnaichean ann an ceann a tuath Astrà ilia far am bi na tùsanaich ag aithneachadh sia rà ithean anns a' bhliadhna, seach ceithir.
Ach dè mu dheidhinn Gà idheil na h-Alba? Cuin a bha ar sinnsearan ag aithneachadh toiseach an fhoghair? Uill, bha uair ann, agus ʼs e Ciad Mhìos an Fhoghair a bh’ aig na Gà idheil air mìos an Lùnastail. Mar sin, bha am foghar a’ tòiseachadh air Latha Lùnastail. B’ e an t-Sultain – September – Mìos Meadhanach an Fhoghair. Agus b’ e an Dà mhair – October – Mìos mu Dheireadh an Fhoghair.
Bha na Gà idheil eòlach air a’ chòigeamh latha deug no siathamh latha deug dhen t-Sultain mar Lath Leth an Fhoghair. Tha abairt againn mun aimsir co-cheangailte ris an latha sin: ‘Bha dùil aig na seann daoine, air Latha Leth an Fhoghair, nan cumadh damh a chabar tioram gus an laigheadh a’ ghrian, gum biodh a’ chuid eile dhen fhoghar tioram.’ Nach iongantach sin!
Beagan là ithean an dèidh sin tha Co-fhad-thrà th an Fhoghair. ʼS e sin an latha as t-fhoghar nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha. Ann am Beurla – the autumnal equinox.Ìý
Seo abairtean co-cheangailte ris an fhacal foghar: Foghar an eòrna ‘the barley harvest’; Foghar geal grianach ‘fine sunny autumn’; Foghar nam brà ithrean ‘the brothers’ harvest’ – aimsir bhrèagha anns an Dà mhair agus as t-Samhain. Ge-tà , nach eil an t-Samhain anns a’ gheamhradh? Uill, bha beachd inntinneach air sin aig an iasgair agus seanchaidh, Seòras MacLeòid – Seòras Chaluim Sheòrais – à Beà rnaraigh Leòdhais. Sgrìobh esan an leabhar iongantach Muir is Tìr. Bha Seòras dhen bheachd gun robh am foghar a’ tòiseachadh air an treas latha fichead dhen t-Sultain aig trì uairean feasgar – seachd seachdainean an dèidh Latha Lùnastail.
Co-dhiù no co-dheth, seo agaibh seanfhaclan co-cheangailte ris an fhoghar. Seo a’ chiad fhear: am fear nach cuir sa Mhà rt, cha bhuain e as t-fhoghar ‘he who doesn’t sow in March won’t reap in autumn’. Am fear nach cuir sa Mhà rt, cha bhuain e as t-fhoghar. Comharra air foghar math – cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu! ‘the sign of a good autumn – the fleas force you out of the house and the midges force you back in!’ Cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu. Tha mi an dòchas gum bi foghar math agaibh ach nach cuir na deargadan a-mach às an taigh sibh!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: là rach-lìn Astrà ilianach: an Australian website; sinnsearan: ancestors; mìos an Lùnastail: the month of August; Latha Lùnastail: Lammas Day (1 August); Lath Leth an Fhoghair: ‘the halfway day of autumn’.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: rà ithean na bliadhna – an t-earrach, an samhradh, am foghar ʼs an geamhradh: the seasons of the year – spring, summer, autumn and winter; air mo bheulaibh: in front of me; a’ chiad latha dhen Mhà rt: the first day of March; a’ tighinn gu ceann air an latha mu dheireadh dhen Chèitean: coming to an end on the last day of May; gu bheil mi air a dhol às mo rian: that I’ve gone out of my mind; chanainn nach eil na deitichean sin uabhasach ciallach: I’d say that those dates are not terribly meaningful; far am bi na tùsanaich ag aithneachadh sia rà ithean: where the aborigines recognise six seasons; nan cumadh damh a chabar tioram gus an laigheadh a’ ghrian: if a stag kept its antlers dry until sunset, gum biodh a’ chuid eile dhen fhoghar tioram; the rest of the autumn would be dry; nach iongantach sin: isn’t that amazing; nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha: when the night is as long as the day; aimsir bhrèagha anns an Dà mhair agus as t-Samhain: beautiful weather in October and November; iasgair agus seanchaidh, Seòras MacLeòid – Seòras Chaluim Sheòrais – à Beà rnaraigh Leòdhais: fisherman and tradition-bearer George MacLeod – George son of Calum son of George – from Great Bernera; gun robh am foghar a’ tòiseachadh air an treas latha fichead dhen t-Sultain aig trì uairean feasgar: that autumn was starting on the 23rd of September at 3 o’clock in the afternoon; tha mi an dòchas gum bi foghar math agaibh: I hope you’ll have a good autumn; ach nach cuir na deargadan a-mach às an taigh sibh: but that the fleas won’t won’t force you out of the house!
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: an latha as t-fhoghar nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha: the day in autumn when the night is as long as the day. Note that we usually say as t-fhoghar rather than anns an fhoghar for ‘in autumn’. Similarly we say as t-earrach (rather than anns an earrach) for ‘in spring’ and as t-samhradh rather than anns an t-samhradh for ‘in summer’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Co-dhiù no co-dheth: anyway [but stronger than just saying ‘co-dhiù].
Broadcast
- Sun 3 Sep 2023 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.