le Maureen NicLeòid
Tha 25 bliadhna bho chaidh Drochaid Scalpaigh fhosgladh. Islanders look back on this week in 1998, when the Scalpay Bridge was officially opened by prime minister Tony Blair.
Tha 25 bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh Drochaid Scalpaigh fhosgladh. Tha feadhainn ann an còmhradh ri Maureen mun là fhèin, nuair a thà inig Tony Blair, a bha na Phrìomhaire aig à m, chun eilein, mun strì airson na drochaid a thogail agus mun diofar a rinn e.
Tha Iain MacAmhlaigh a' coimhead air ais air eachdraidh a' phrògram telebhisein ainmeil, Taggart. Tha 40 bliadhna bho chunnaic sinn an toiseach e, 's a thà inig na facail ainmeil, 'There's been a murder', bho bhilean a' chleasaiche Mark McManus ann an riochd DCI Jim Taggart. Dè chuir Taggart ri saoghal telebhisein agus ri Glaschu?
Agus thèid leabhar ùr mu ainmean-à ite Gà idhlig baile Ghlaschu fhoillseachadh air an ath mhìos. Tha 'Glasgow’s Gaelic Place Names' air a sgrìobhadh leis an Dr Alasdair MacIlleBhà in bho Oilthigh Ghlaschu, Katherine Forsyth agus Simon Taylor. Tha Alasdair ag innse do Mhaureen mar a ghabh e ùidh ann an ainmean-à ite an toiseach agus mar a tha ainmean-sgìreil Ghlaschu ag innse dhuinn gu bheil a' Ghà idhlig air a bhith sa bhaile airson mu mhìle bliadhna.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Wed 30 Aug 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Aug 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal