le Cathy NicDhòmhnaill
‘S i an sgrìobhaiche Morag Law, a bhuineas do dh'eilean Cholbhasa cèiliche na seachdain. The writer and novelist Morag Law is today's special guest.
Bha prògram air Â鶹Éç Scotland a-raoir far an robhar air cothrom fhaighinn sealladh dlùth a thoirt air triail-mhuirt co-cheangailte ri fear de na cùis-mhùirt a b’ ainmeile a bha a-riamh an Alba. B' e sin cùis-mhuirt Renee NicRath agus a mac Anndra, a bha trì bliadhna a dh' aois, a chaidh le chèile a dhìth gun sealladh orra tuilleadh, sa Ghà idhealtachd air an 12mh den t-Samhain 1976. Gheibh sinn beachd air a' phrògram, Murder Trial – The Disappearance of Renee and Andrew MacRae, bho dhithis a bha air a' phoileas aig an à m.
A rèir aithris tha trì chairteal dhen fheadhainn a tha a’ cur a-steach airson trèanadh airson a bhith nan tidsear an Sasainn thairis air aois leth-cheud sa còig. Tha sinn a’ faighneachd do dhithis thidsearan a th’ air an dreuchd a leigeil dhiubh sna beagan bhliadhnaichean bho dheireadh dè na h-obraichean a thaghadh iad fhèin.
‘S i Morag Law cèiliche na seachdain. ‘S ann à Eilean Cholbhasa a tha Morag bho thùs – à ite a tha dlùth ga cridhe. Mar sgrìobhaiche, tha i air sgeulachdan goirid a chuir an clò agus nobhail. Tha i dìreach air leabhran beag ùr fhoillseachadh, air a bheil A’ Siubhail gu h-Aotram/Travelling Light, a tha stèidhichte air cuimhneachain bho h-òige. Tha Cathy ann an còmhradh rithe mu a beatha, thuige seo.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 23 Aug 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 23 Aug 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal