Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1257
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1257. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 20 Aug 2023
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 953
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1257
Duration: 05:00
Litir 1257: Raiders Bhatarsaigh (1)
ʼS e bana-ghaisgeach na Gà idhlig a th’ ann an Lisa Storey. Airson ùine mhòr, tha Lisa air a bhith a’ fuireach ann an Inbhir Nis no faisg air a’ bhaile. Bha dreuchd aice mar neach-teagaisg agus b’ i a’ chiad tidsear aig an robh clas de sgoilearan air a’ Ghà idhealtachd a fhuair an cuid foghlaim tro mheadhan na Gà idhlig. Bha sin ann am Bun-sgoil a’ Mheadhain ann an Inbhir Nis ann an naoi ceud deug, ochdad ʼs a còig (1985).
Ged a tha i air a bhith a’ fuireach air tìr-mòr thar nan deicheadan, tha mi cinnteach gum buin a cridhe fhathast don eilean anns an do thogadh i – Bhatarsaigh. Mura h-eil sibh eòlach air na h-Eileanan A-muigh, tha Bhatarsaigh ri taobh Bharraigh, agus ceangailte ris an-diugh le cabhsair. Anns an leabhar ùr aice ‘Bhatarsaigh agus na Raiders’, tha Lisa ag innse dhuinn gun robh ‘Gà idhlig ga bruidhinn a h-uile latha agus anns a h-uile suidheachadh’ anns an eilean aice nuair a bha i òg.
Tha an leabhar ag innse mu na Raiders, eileanaich a fhuair fearann dhaibh fhèin ann am Bhatarsaigh le a bhith a’ strì airson an còraichean. Ann an naoi ceud deug ʼs a h-ochd (1908), cheannaich an riaghaltas an t-eilean bhon uachdaran, a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart. Chaidh caogad ʼs a h-ochd croitean a chruthachadh ann.
Airson an suidheachadh a thuigsinn, thèid sinn air ais gu ochd ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1838). ʼS ann an uair sin a reic MacNèill Bharraigh – an ceann-cinnidh – an oighreachd aige. Cheannaich uachdaran-fearainn à Siorrachd Obar Dheathain i. B’ esan an Còirneal Gòrdan à Cluanaidh. An ceann greis, thòisich e air daoine fhuadachadh à Barraigh. Tha Lisa Storey ag innse dhuinn gun deach mu cheithir cheud gu leth duine à Barraigh gu ruige Canada ann an ochd ceud deug, caogad ʼs a h-aon (1851).Â
Cha b’ e sin a-mhà in. Chaidh daoine a chur a-mach às na bailtean aca ann am Barraigh fhèin – gu bailtean eile – airson fearann math a shaoradh do thuathanaich. Bha Eilean Bhatarsaigh air fad na thuathanas. Cha robh air fhà gail aig muinntir an à ite ach fearann truagh. Agus bha gu leòr de na daoine nan coitearan. Cha robh fearann aca idir.
Chaochail an Còirneal Gòrdan agus an ceann greis fhuair a nighean-chèile – a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart – sealbh air an oighreachd. Bha i am measg nan uachdaran a bu mhiosa air a’ Ghà idhealtachd riamh. Lean i oirre leis na fuadaichean. Ged a bha an oighreachd na là mhan fad iomadh bliadhna, cha do chuir i a cas oirre ach aon turas.
Tha Lisa Storey a’ mìneachadh mar a chuidich Achd nan Croitearan na croitearan ann am Barraigh, ach cha d’ fhuair na coitearan buannachd sam bith. Bha iadsan fhathast às aonais fearann.
Cha mhòr nach robh Comhairle Siorrachd Inbhir Nis cho dona ris na h-uachdarain, oir bha cumhachd mhòr aig uachdarain air a’ chomhairle an uair sin. Dhiùlt a’ chomhairle fearann a ghabhail airson choitearan fon an Allotments (Scotland) Act. Agus dhiùlt an Congested Districts Board iarrtasan airson fearann ann am Barraigh cuideachd. Anns an ath Litir bheir sinn sùil air mar a ghabh cuid de choitearan fearann ann am Bhatarsaigh dhaibh fhèin, ge b’ oil leis an uachdaran!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bun-sgoil a’ Mheadhain: Central Primary School; uachdaran: landlord; a’ Bhaintighearna Gòrdan Cathcart: Lady Gordon Cathcart; Siorrachd Obar Dheathain: Aberdeenshire; an Còirneal Gòrdan à Cluanaidh: Colonel Gordon of Cluny; gu ruige [Canada]: to [Canada]; coitearan: cottars [people who had no rights to land]; a nighean-chèile: his daughter-in-law; às aonais: without; achd: act (e.g. of Parliament); Comhairle Siorrachd Inbhir Nis: Inverness-shire County Council.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ʼS e bana-ghaisgeach na Gà idhlig a th’ ann an Lisa Storey: Lisa Storey is a Gaelic heroine; a fhuair an cuid foghlaim tro mheadhan na Gà idhlig: who received their education through the medium of Gaelic; a’ fuireach air tìr-mòr thar nan deicheadan: living on the mainland for decades; tha mi cinnteach gum buin a cridhe fhathast don eilean anns an do thogadh i – Bhatarsaigh: I’m certain that her heart still belongs to the island in which she was raised - Vatersay; ceangailte ris an-diugh le cabhsair: connected to it today by a causeway; gun robh ‘Gà idhlig ga bruidhinn a h-uile latha agus anns a h-uile suidheachadh’: ‘that Gaelic was spoken every day and in every situation’; a fhuair fearann dhaibh fhèin: that got land for themselves; a’ strì airson an còraichean: struggling for their rights; ʼs ann an uair sin a reic MacNèill Bharraigh – an ceann-cinnidh – an oighreachd aige: it’s then that MacNeil of Barra – the clan chief – sold his estate; an ceann greis, thòisich e air daoine fhuadachadh à Barraigh: after a while he started to clear people from Barra; cha b’ e sin a-mhà in: it wasn’t just that; airson fearann math a shaoradh do thuathanaich: to release good land to farmers; bha Eilean Bhatarsaigh air fad na thuathanas: Vatersay was a farm in its entirety; cha do chuir i a cas oirre ach aon turas: she only stepped on it on one occasion; ge b’ oil leis an uachdaran: regardless of the landlord.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha dreuchd aice mar neach-teagaisg agus b’ i a’ chiad tidsear aig an robh …: she had a profession as a teacher and she was the first teacher who had … In Gaelic we have a choice of common words used for ‘teacher’. One is neach-teagaisg ‘teaching person’ and the other is tidsear which is a modern loanword from English. Both are legitimate. The plurals are luchd-teagaisg and tidsearan. You might also hear maighstir-sgoile and bana-mhaighstir sgoile although these are now seen as somewhat old-fashioned and are going out of common usage except in a historical context.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mu cheithir cheud gu leth duine: about four hundred and fifty [‘four hundred and a half’] people.
Broadcast
- Sun 20 Aug 2023 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.