Dealbh-chliuch mu sheòladh a' Mhetagama 1923
Dealbh-chluich le Bun-sgoil Bhrèascleit ag innse mar a sheòl am Metagama ann an 1923. A play by the children of Breasclete Primary School telling the story of the SS Metagama.
Chomharraich bun-sgoiltean Leòdhais na ceud bliadhna bho sheòl an SS Metagama anns a’ Ghiblean 1923 na bu trà ithe am-bliadhna. Chuir naoi sgoiltean an dealbh-chluich aca fhèin air à rd-ùrlar, le cuideachadh bho inbhich sa choimhearsnachd gach cuid air cùl gnothaich agus air an à rd-ùrlar. An toiseach chaidh eòlaichean eachdraidh bho na sgìrean fa leth a-steach do na sgoiltean airson mìneachadh a thoirt seachad air mar a bha cùisean sna h-eileanan siar aig an à m agus à sin dhealbhaich sgrìobhaichean agus na sgoilearan, le taic stiùiridh bhon oide drà ma, Marisa NicDhòmhnaill, dealbh-chluich a bhuineadh dhan sgìre aca fhèin. Fhuair Dìleab-Metagama - compà irteachas eadar Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne Chomhairle nan Eilean Siar agus Fèisean nan Gà idheal - ttaic bhon phròiseact Treòir, Voar, Virr aig Riaghaltas na h-Alba, Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gà idhlig.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh dealbh-chluich Bhrèascleit, air a sgrìobhadh le Cathy Mary Nic a' Mhaoilein. Chaidh a chlà radh le Sgioba Ioma-mheadhain Chomhairle nan Eilean Siar.
Last on
Broadcasts
- Mon 17 Jul 2023 15:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 19 Jul 2023 20:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Jul 2023 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal