Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais
Seirbheis còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais, Paraiste Eaglais Ghairbraid, Glaschu. A service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Parish Church, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na sailm, laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Salm 106 air a sheinn le Calum Mà rtainn agus Iseabail Ann NicDhòmhnaill
Tha an Grà dh seo cho Là idir air a sheinn le Coinneach MacLeòid
Cia Domhain Grà dh an Athar Dhuinn air a sheinn le Donaidh Murchadh MacLeòid
Còisir Bhaile a' Ghobhainn a’ seinn Salm 40.
Leughaidhean: Tuireadh Ieremiah 1: 1-6
2 Timoteus 1: 1-14
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile a' Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ciùil ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh, gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Mary Hill. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire aig Comataidh Ghà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies' - sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich na pìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
Broadcasts
- Sun 18 Jun 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Jun 2023 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal