le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Chaidh na là ithean as teotha am-bliadhna a chlà radh an t-seachdain-sa an Alba agus am Breatainn. Mìnichidh Joy Dunlop dè as coireach gu bheil an t-sìde cho teth an-drà sta agus dè cho fada 's a mhaireas e.
Chan eil duin' againn nach eil a' dèanamh toileachas nuair a thig blà ths an t-samhraidh, ach chan eil teas a' tighinn air a h-uile duine no creutair agus tha mi-shunnd agus cunnart na chois, mar a chluinneas sinn bho fheadhainn nach eil ro dhèidheil air cus teas.
Tha Folk Film Gathering, fèis fhilmichean Folk bho air feadh Alba 's an Roinn Eòrpa, a' dol sa Chameo an Dùn Èideann is e a' riuth gu deireadh na mìos. Bheir John Neil Dòmhnallach ro-shealladh dhuinn air An Dà rna Sealladh, film a tha a' leantainn Dhòmhnaill Angaidh MhicIllEathain, nach maireann, 's e a' sireadh sgeulachdan co-cheangailte ri taibhsean agus an dà rna sealladh san Eilean Sgitheanach.
Tha Wilma NicUalraig a' dèanamh lèirmheas air an taisbeanadh, The Fashion Show: Everything But The Clothes, a tha ri fhaicinn sa V&A ann an Dùn Dèagh.
Agus cluinnidh sinn mar a chòrd Inis Fraoigh, eilean ann an Dùn nan Gall, ri Cathy agus Angela NicFhionghuin nuair a thadhail iad air an t-seachdain a chaidh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 15 Jun 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 15 Jun 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal