Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Bha Cathy ann an còmhradh ri Donaidh Rothach, a bha na phrìomh sheinneadear aig Runrig airson còrr air fichead bliadhna, ach a tha air tilleadh chun a' chiad seòrsa ealan anns na ghabh e tlachd na òige - peantadh. Dh'fhosgail taisbeanadh ùr den obair aige, On The Bay, ann an Dùn Èideann, Diardaoin.

Rinn John Neil Dòmhnallach lèìrmheas air an taisbeanadh, When the Apple Ripens, a dh'fhosgail DiSatharine, far a bheil faisg air ceud de na deilbh aig a' pheantair ainmeil Peter Howson cruinn còmhla airson a' chiad uair ann an Ionad Ealain Baile Dhùn Èideann.

Thèid seann sgoil Sir John Maxwell air taobh a deas Ghlaschu a leagail a dh'aithghearr. B' e seo a' chiad sgoil anns an deach ionad-Ghàidhlig a stèidheachadh sa bhaile. Diardaoin, bha Cathy a' bruidhinn ri cuid den fheadhainn a bha an luib an ionad sin anns na tràth làithean.

'S ann do dh' Uibhist a Deas a bhuineas cèiliche na seachdain, Dòmhnall Iain Dòmhnallach, ach thug obair e a dh' Ameireaga, dhan Roinn Eòrpa agus gu ruige Coiria a Deas.

57 minutes

Last on

Sun 4 Jun 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 4 Jun 2023 12:00