Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Gaelic service condcuted by Stornoway Free Church Minister, the Rev James MacIver.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 63: 1-2 air fonn London New agus ‘s e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn.
Salm 143: 6-7 air fonn Walsall agus ‘s e Coinneach MacLeòid a tha os cionn na seinn, chaidh an dà sheinn a chlàradh ann an Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 16: 15-16 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t- Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.

Leughadh: Mata 5: 1-16
Ceann-teagaisg: Mata 5: 6

'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair agus tha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Bha e roimhe sin ann an Eaglais Shaor a' Chnuic, An Rubha agus ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bha e na mhodaràtair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.

Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige a Bhun-sgoil Thunga agus às a sin, chaidh e gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.

Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich goilf agus a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 4 Jun 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 4 Jun 2023 09:00
  • Sun 4 Jun 2023 15:00