Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Tha sinn air an rathad còmhla ri tè bho seirbheis cùram-dachaigh, Chomhairle nan Eilean Siar. In National Carers Week, we hear from families who depend on home care services.

Tha Cathy ann an còmhradh ri feadhainn, a tha mar i fhèin, aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an Èirinn. Dè mar a tha Dùn nan Gall a' còrdadh riutha?

Tha dealbh bho pheantair Albannach ga reic aig rùp an-diugh 's duil gun coisinn e eadar £100,000 agus £150,000. Chaidh Sweet Violets a pheantadh le Robert Brough ann an 1897. Chaochail e fhèin na òige, aig aois 32 an dèidh tubaist rèile. Tha Iain Urchardan a' toirt sùil air a bheatha agus obair.

Tha Wilma NicUalraig a' toirt aithris thugainn bhon taisbeanadh, The Fashion Show: Everything But The Clothes ann an Dùn Dè.

Tha aire ga tharraing gu nàiseanta an t-seachdain sa chun obair a tha luchd-cùraim a' dèanamh. Air National Carers Week, tha Angela NicFhionghuin a' dol a-mach còmhla ri tè a tha na neach-cùraim ann an ceann a tuath Leòdhais, às leth Comhairle nan Eilean Siar. An dè, rinn i còmhradh còmhla ri Joan 's iad air an rathad. An-diugh, tha 'd aig dachannan sa sgìre air am bi Joan a' frithealadh.

57 minutes

Last on

Thu 8 Jun 2023 22:25

Broadcasts

  • Thu 8 Jun 2023 09:00
  • Thu 8 Jun 2023 22:25