Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Ciamar a tha daoine a' faireachdainn mun LEZ ùr ann an Glaschu? How do people feel about Glasgow's new Low Emmission Zone and the plans to extend it to other Scottish cities?

Bhon diugh, tha meadhan baile Ghlaschu ga chomharrachadh mar sgìre beag-eimisein. Mu tha seann char agad neo einnsean a tha a' truailleadh na h-àrainneachd, chan eil e ceadaichte dhut a thoirt a-steach gu meadhan a' bhaile. Tha Cathy ann an còmhradh ri feadhainn mun a seo, 's a' faighneachd ciamar a tha 'd a' faireachdainn mu dheidhinn agus mu na plànaichean airson an aon rud a dhèanamh ann am bailtean mòra eile na h-Alba.

Thèid seann sgoil Sir John Maxwell air taobh a deas Ghlaschu a leagail a dh'aithghearr. B' e seo a' chiad sgoil anns an deach ionad-Ghàidhlig a stèidheachadh sa bhaile. An-diugh tha Cathy a' bruidhinn ri cuid den fheadhainn a bha an luib an ionad sin anns na tràth làithean.

Gach Diardaoin, tha aoighe air a bhith a' taghadh leabhar às a' chàrn - leabhar a th' air a bhith a' laighe air a' sgeilp airson co-dhiù còrr air bliadhna. An-diugh, tha Tom MacIllFhinnein air Fatal Passage le Ken McGoogan a thaghadh.

57 minutes

Last on

Thu 1 Jun 2023 22:25

Broadcasts

  • Thu 1 Jun 2023 09:00
  • Thu 1 Jun 2023 22:25