Main content
Sorry, this episode is not currently available

comhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha fìos gu bheil samhradh air fàire nuair a tha taisbeanadh fhlùraichean Chelsea a' nochdadh air na sgàilean telebhisein againn, fèill a tha Comann Rìoghail an Tuathanais-ghàrraidh a' cur air adhart a h-uile bliadhna. 'S e cothrom a th' ann amharc air an ìre as àirde de shàr-mhaitheis ann an saoghal gàirneilearachd. Gheibh sinn beachd fear de stiùirichean sgiobaidhean-camara a' BhBC, Iain Mac a' Ghobhainn, air taisbeanadh na bliadhna seo agus innsidh Dawn Nic a' Ghobhainn, a tha air tadhal aig an taisbeanadh thar nam bliadhnaichean, dè a tha cho tarraingeach mu fhèill Chelsea.

Nì Iain Mac an Tàilleir agus Màire Ni Annrachain lèirmheas air Once upon a Time In Northern Ireland, a' chiad prògram ann an sreath de chòig, a chaidh a-mach air Â鶹Éç 2 an-raoir, a tha a' comharrachadh còig bliadhna fichead bho chaidh Aonta Dihaoine na Ceusta a ruighinn.

Tha luaidh ga dhèanamh air pearsa-eaglaise Ameireaganach ainmeil, an t-Urr Timothy Keller, a chaochail an t-seachdain a chaidh aig aois 72. Bha eòlas phearsanta aig an Ollamh Seumas Eglinton, òraidiche ann an diadhachd aig Oilthigh Dhùn Èideann, air an Urr Keller agus bheir e dhuinn eachdraidh a bheatha.

Agus tha luaidh ga dhèanamh cuideachd air an Ollamh Urramach Dòmhnall MacLeòid, a chaochail aig deireadh na seachdain. Mìnichidh Murray Macleòid cho cliùiteach 's a bha an t-Urr Macleòid mar sgrìobhaiche-cholbhan ann am Pàipear Beag an Eilean Sgitheanaich agus Gasaet Steòrnabhaigh.

57 minutes

Last on

Tue 23 May 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 23 May 2023 09:00
  • Tue 23 May 2023 22:25