Main content
Sorry, this episode is not currently available

21/05/2023

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Tha 90 bliadhna bhon a thòisich Seirbheis Eiridinn Adhair na h-Alba. B' e fear à Ìle a chiad duine a chaidh a thogail dhan ospadal agus cluinnidh sinn bho fheadhainn aig a bheil ceangal teaghlaich ris. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn a' cuimhneachadh air a' chiad turas a chaidh am plèana a chleachdadh anns na h-Eileanan an Iar agus mu cho èiseil 's a bha an t-seirbheis dhà fhèin gu pearsanta bho chionn beagan bhliadhnaichean. Agus tha sinn a' cluinntinn cuideachd bho theaghlach a bha gu math taingeal airson an t-seirbheis aig toiseach na bliadhna seo fhèin.

Dè chiad phìos bèiceareachd a chruthaich sibh riamh? Tha an-diugh ga chomharrachadh mar Latha Bèicearachd na Cruinne. Tha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn mu dè chiad rud a rinn iadsan a-riamh agus dè na rudan gum bi iad a tilleadh uair is uair?

'S i Anna NicPhàil, Cèiliche na Seachdain. Rugadh Anna ann am Pàislig do phàrantan às na Hearadh agus Tiriodh. Dh'fhàs i suas eadar Pàislig, eilean Thiriodh fhèin agus Siorrachd Àdhar. B' i a' chiad cheannard-sgoile a bh' air Bun-Sgoil Ghàidhlig Taobh na Pairce, ann an Dùn Èideann, agus an-diugh air a dreuchd a leigeal dhith.

57 minutes

Last on

Sun 21 May 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 21 May 2023 12:00