Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Dòmhnall Iain Moireasdan, an Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ri Dòmhnall I Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis. Gaelic service with D J Morrison, Free Church (Continuing) evangelist.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 118: 58-60 air fonn Kilmarnock agus ‘se Dòmhnnall A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Eaglais Shaor Chroisbost.
Salm 119: 49-50 air fonn Torwood agus ‘s e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.

Leughadh: Salm 1: 1-6
Ceann-teagaisg: Salm 1: 6

S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheàrr dha na Hearadh."
Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha triùir chloinne aca.
Mus deach e gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson 5 bliadhna. Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad 3 bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le càr far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an-dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis agus mar phàirt dhan obair aige, bidh e siubhail gu diofar sgìrean ann an Alba agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric, 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.

30 minutes

Last on

Sun 21 May 2023 15:00

Broadcasts

  • Sun 21 May 2023 09:00
  • Sun 21 May 2023 15:00