còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
A' comharrachadh 90 bliadhna bhon a thòisich Seirbheis Eiridinn Adhair na h-Alba. Marking 90 years of the Scottish Air Ambulance Service.
Tha 90 bliadhna bhon a thòisich Seirbheis Eiridinn Adhair na h-Alba. B' e fear à Ìle a' chiad duine a chaidh a thogail dhan ospadal agus cluinnidh sinn bho fheadhainn aig a bheil ceangal teaghlaich ris. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn a' cuimhneachadh air a' chiad turas a chaidh am plèana a chleachdadh anns na h-Eileanan an Iar agus mu cho èiseil 's a bha an t-seirbheis dha fhèin gu pearsanta bho chionn beagan bhliadhnaichean. Agus tha sinn a' cluinntinn cuideachd bho theaghlach a bha gu math taingeil airson an t-seirbheis aig toiseach na bliadhna seo fhèin.
Thairis air a' chola-deug a chaidh seachad, thug sinn sùil air dòighean-beatha susbainteach. An-diugh, tha sinn a toirt an t-sreath gu ceann le sùil mhionaideach air a' bhuaidh a th’ aig ar biadh air ar slà inte.
Tha nobhail ùr air nochdadh bhon sgrìobhaiche 's an craoladair Sally Magnusson. Tha Music In The Dark a' ruith air sgeulachd Jamesina Ross, air a fuadach às a' Ghà idhealtachd gu ruige Glaschu. Tha e gu ìre stèidhichte air beatha sinn-seanmhair Sally fhèin, a chaidh fhuadach às a dachaigh air eilean Mhuile ann an 1863. Tha Anna NicLeòid air an leabhar a leughadh 's i ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 16 May 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 16 May 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal