còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha coltas gu robh còrr air fichead millean neach air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' coimhead an telebhisein aig meadhan-là Disathairne, nuair a bha an Rìgh Teà rlach III dha chrùnadh, le faisg air dusan millean a' coimhead chùisean air fad. A' stiùireadh fear de sgiobaidhean-camara a' BhBC bha an stiùiriche Iain Mac a' Ghobhainn a tha còmhla ri Cathy airson innse mun là aigesan.
Gheibh sinn eachdraidh-beatha an sgrìobhaiche-ciùil, Pà draig Doyle, a thagh an Righ Teà rlach airson ceòl caismeachd a sgrìobhadh airson na seirbheis crùnaidh bhon Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.
Gach seachdain an-drà sta tha sinn a' cluinntinn bho dhaoine a tha a' sàs ann an rannsachadh co-cheangailte ris an à rainneachd, agus iad a' coimhead airson goireasan agus siostaman a bhios seasmhach dhuinn san à m ri teachd. An-diugh tha Diorbhail Wentworth ag innse mun rannsachadh a rinn i sna h-Innseachan air 'circular economy', eaconamaidh a tha a' brosnachadh ath-chuairteachadh air stuthan leithid aodach, meatailt agus nithean eileagtronaigeach.
Mìnichidh an t-eòlaiche-teicneòlas, Dòmhnall Dòmhnallach, mar a dh'fhaodadh am bile ùr air sà bhailteachd air-loidhne bacadh a chuir oirnn a bhith a' cleachdadh Whatsapp.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 9 May 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 9 May 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal