Còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh
Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Rev Suzie Roberts conducts this year's Easter Sunday Service.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu a' seinn Moladh Dia
An t-Aiseirigh air a sheinn le Alasdair Codona
Iseabail Mhà rtainn a' seinn Glòir don Uan
An còmhlan Cliar le taic bho na Còisirean a' seinn Salm 108
Leughaidhean:
Mata 27: 62-66
Mata 28: 1-20
Lùcas 1: 26-38
Mata 2: 1-16
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh faisg air dà fhichead bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. An-uiridh ghluais Siùsaidh, Mìcheal agus mà thair Siùsaidh a dh'Alba.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 9 Apr 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Apr 2023 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal