Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Leth-cheud bliadhna bho nochd dealbh-chluich ainmeil Albannach. Marking 50 years since the radical play, The Cheviot, The Stag and The Black, Black Oil was first performed.

Chaochail Nigel Lawson Diluain. Bha Nigel Lawson na Sheansailear ainmeil ann an riaghaltas Mhairead Thathcher. Tha Pàdraig MacAmhlaigh a' coimhead air ais air a bheatha.

Tha leth-cheud bliadhna ga chomharrachadh bho nochd an dealbh-chluich ainmeil, The Cheviot, The Stag and the Black, Black Oil, air a sgrìobhadh le John McGrath. Dè a dh'fhàg an dealbh-chluich seo cho ainmeil agus soirbheachail chun là an-diugh?

'S i Alison Lang, cèiliche na seachdain. Rugadh Alison ann a Hereford, chuir i seachad cuibhreann de h-òige ann a Gibraltar agus san Òlaind 's chaidh i gu sgoil-còmhnaidh ann an Dùn Èideann aig aois deich bliadhna. Rinn i ceum ann am feallsanachd aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Na beatha obrach, bha i ag obair ann an oifis ailtire, na neach aithisg do Hansard, dh'ionnsaich i a' Ghàidhlig, sgrìobh i leabhraichean ficsean agus tha i an-diugh na Stiùiriche aig Comhairle na Leabhraichean.

57 minutes

Last on

Wed 5 Apr 2023 22:25

Broadcasts

  • Wed 5 Apr 2023 09:00
  • Wed 5 Apr 2023 22:25