Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1237
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1237. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 2 Apr 2023
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 933
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1237
Duration: 05:00
Litir 1237: Seumas MacDhonnchaidh, Lus-eòlaiche (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Sheumas MacDhonnchaidh, an lus-eòlaiche. Eadar an Cèitean agus an Dà mhair ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1768) chaidh e air chuairt mhòr ann an sgìrean Gà idhealach. Sgrìobh e notaichean mu na daoine.
Cha robh beachd ro mhath aige air na taighean aca. Ach bha na leapannan aca gu math cofhurtail. Bha iad air an dèanamh de fhraoch no de chonnlach le bà rr nan lusan gu h-à rd. Bha iad coltach ri leapannan le spriongaichean mar a th’ againn an-diugh oir bhiodh cumadh nan lusan a’ tilleadh nuair nach robh na daoine nan laighe orra.
Bidh mi a’ fuine aran gu tric agus bha mi riamh a’ meòrachadh air mar a ghlèidh daoine beirm anns an t-seann aimsir. Uill, tha Seumas MacDhonnchaidh ag innse dhuinn. Bhiodh iad a’ gearradh slat-dharaich mu cheithir no còig òirlich ann an cuairt-thomhas. Bhiodh iad ga snìomh agus an uair sin ga cur ann am beirm ùr airson grunn uairean a thìde. Bhiodh iad a’ crochadh na slaite snìomhte airson a tiormachadh.
Nuair a bha iad feumach air beirm, can airson deoch mar leann a dhèanamh, bhiodh iad a’ toirt na slaite-daraich sìos agus ga cur ann am poit anns an robh brailis meadh-bhlà th. An ceann dà uair a thìde bhiodh beirm aca deiseil airson cleachdadh.
Airson leathar a chartadh, bha na Sgitheanaich a’ cleachdadh nam freumhaichean aig lus beag ris an canar °ä²¹¾±°ù³Ù-±ôà ¾±°ù no Tormentil. Bhiodh daoine cuideachd a’ cartadh no a’ glanadh a-mach caolain nan laogh as t-Earrach. Bha na banaraich a’ cur dà lus gu feum airson sin.
B’ e fear dhiubh Scots lovage no Sunais ann an Gà idhlig. B’ e am fear eile lus brèagha ris an canar Roseroot ann am Beurla. Ann an Gà idhlig, ʼs e sin Lus nan Laoch. Thathar ag rà dh gur e as coireach ri ainm gu bheil e doirbh a lorg ach a-mhà in air creagan is bearraidhean. Feumaidh tu a bhith nad laoch airson fhaighinn!Â
Uill, a rèir na dh’aithriseas Seumas MacDhonnchaidh, ʼs e Lus nan Laogh, chan e Lus nan Laoch, a chanadh na Sgitheanaich ris. Agus bhiodh sin gu math coltach. ʼS e lus eile air a bheil ‘Lus nan Laogh’, ann an cuid de dh’à iteachan, an °Õ°ùì-²ú³ó¾±±ô±ð²¹³¦³ó no Bogbean oir tha sin air a chur gu feum airson slà inte nan laogh anns an aon dòigh.
Cuideachd anns an Eilean Sgitheanach, tha Seumas ag innse dhuinn mu mar a fhuair na daoine diofar dhathan airson clò a dhathadh. Fhuair iad buidhe bho bhà rr an fhraoich. Airson dearg, bha Lus an Leasaich no an ¸éù (Lady’s Bedstraw ann am Beurla) na b’ fheà rr na ²Ñà »å²¹°ù.
Ann am Muile, bhiodh a’ chlann gu tric a’ fulang le dathagan no worms. Airson sin, bhiodh daoine a’ gabhail deoch de roid no Bog-myrtle. Ann am Muile agus san Eilean Sgitheanach, bhiodh boireannaich ag òl deoch de Gharbhag an t-Slèibhe (the Fir Clubmoss) airson casg-breith adhbharachadh. Chan eil MacDhonnchaidh ag innse dhuinn cho èifeachdach ʼs a bha i no dè na frith-bhuaidhean a bha i ag adhbharachadh.
Agus tha e ag innse dhuinn mu mar a bhiodh na boireannaich a’ seinn fhad ʼs a bha iad a’ luadhadh a’ chlò ann an còmhlan. A bheil aithris nas trà ithe na seo air na h-òrain luadhaidh a tha cho ainmeil ann an dualchas nan Gà idheal?

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Seumas MacDhonnchaidh: James Robertson; lus-eòlaiche: botanist; leapannan: beds; beirm: yeast; banaraich: milking maids; laoch: hero; laogh: calf; creagan is bearraidhean: crags and cliffs; dathagan: intestinal worms; na h-òrain luadhaidh: the waulking songs.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Eadar an Cèitean agus an Dà mhair: between May and October; cha robh beachd ro mhath aige air na taighean aca: he had a poor opinion of their houses; air an dèanamh de fhraoch no de chonnlach le bà rr nan lusan gu h-à rd: made of heather or straw with the tops of the plants uppermost; coltach ri leapannan le spriongaichean: like beds with springs; bhiodh cumadh nan lusan a’ tilleadh nuair nach robh na daoine nan laighe orra: the shape of the plants would return when nobody was lying on them; slat-dharaich mu cheithir no còig òirlich ann an cuairt-thomhas: an oak rod about four or five inches in circumference; bhiodh iad ga snìomh: they would twist it; can airson deoch mar leann a dhèanamh: such as for making a drink like beer; ann am poit anns an robh brailis meadh-bhlà th: in a pot in which there was lukewarm wort; airson leathar a chartadh: to tan leather; a’ glanadh a-mach caolain nan laogh as t-Earrach: cleaning out the intestines of the calves in the Spring; a rèir na dh’aithriseas X: according to what X reports; mar a fhuair na daoine diofar dhathan airson clò a dhathadh: how the people obtained various colours for dyeing cloth; airson casg-breith adhbharachadh: to cause an abortion; cho èifeachdach ʼs a bha i: how effective it was; dè na frith-bhuaidhean a bha i ag adhbharachadh: what side effects it was causing; fhad ʼs a bha iad a’ luadhadh a’ chlò ann an còmhlan: while they were waulking the tweed in a group.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: air chuairt mhòr ann an sgìrean Gà idhealach: on a great journey in Highland [Gaelic-speaking] areas. Remember the rule for leniting an attributive adjective that qualifies a plural noun in the nominative or dative case. Gender is irrelevant. It’s all to do with the terminal vowel in the noun. If it is slender (it will almost always be an ‘i’), then the adjective is lenited e.g. balaich mhòra, bodaich Shasannach. If it is broad (almost always an ‘a’) there will be no lenition. Thus, although we say sgìre Ghà idhealach (sgìre being feminine), we say sgìrean Gà idhealach.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bhiodh sin gu math coltach: that would be quite likely.
Broadcast
- Sun 2 Apr 2023 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.