còmhla ri Maureen NicLeòid
Tha Maureen ann an còmhradh ri Calum L. MacLeòid mun dealbh-chluich aige, Stornoway, Quebec. Maureen chats to writer, Calum L MacLeod about his new play, Stornoway, Quebec.
An-diugh, tha sinn a' faighinn cuimhneachain dhaoine air na rudan a b’fheà rr leotha a bhith ag ithe nan òige agus tha tapioca', Creamola Foam agus Angel Delight a' nochdadh air a' chlà r-bidhe.
Tha dealbh-chluich ùr air a bheil Stornoway, Quebec ga chuir air an à rd-ùrlar airson a' chiad uair a-nochd fhathast sa Lanntair ann a Steòrnabhagh. Tha e stèidhichte air sgeulachd Dhòmhnaill Mhoireasdan a rugadh an Canada ann a 1858 do phà rantan Leòdhasach, 's a bha ainmeil mar fhògarrach ris an canar a Megantic Outlaw. Thèid Stornoway, Quebec air chuairt air feadh na dùthcha air an ath mhìos. Tha Maureen ann an còmhradh ri sgrìobhaiche an deilbh-chluich, Calum L MacLeòid.
Tha 170 bliadhna an-diugh fhèin bho rugadh Vincent Van Gogh 's tha Taigh-tasgaidh Van Gogh ann an Amsterdam a' comharrachadh leth-cheud bliadhna bho dh'fhosgail iad. Tha na h-ealanaichean Iseabail Mhoireach agus Dòmhnall Moireach a' toirt sùil air beatha agus dìleab Van Gogh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 30 Mar 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 30 Mar 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal