còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Bha rabhadh ann aig toiseach na mìos gu robh Morton Rolls, companaidh bèiceireachd a bha gu math ainmeil ann am Baile Ghlaschu agus na sgìrean mun cuairt airson na rolaichean aca, a' dol a dhùnadh, ach chaidh an ceannach às ùr air an deireadh-sheachdain. Bha Cathy a' còmhradh ri triùir mu na biadhan a chuireadh iad fhèin air rolla bracaist.
Air Dimà irt bha sinn a' comharrachadh Là Bà rdachd na Cruinne, chluala sinn bhon bhà rd Niall O'Gallagher mun leabhar ùr aige Sounds of Love - Fuaimean Grà idh.
'S e An t-Ollamh Ùisdean Cheape, Cèiliche na Seachdain. Chaidh ainmeachadh an t-seachdain seo fhèin gu bheil urram ballrachd ga bhuileachadh air bho Chomunn Rìoghail Dhùn Èideann. Rugadh is thogadh Ùisdean ann an Siorrachd Aonghais. Chuir e mòran bhliadhnaichean seachad mar Àrd Neach-tasgaidh aig Taighean-tasgaidh Nà iseanta na h-Alba. Dhealbhaich e cùrsa MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gà idhealtachd son Oilthaigh na Gà idhealtachd, 's e an-diugh an sàs ann a bhith ga stiùireadh 's ga theagasg. Chaidh MBE a' bhuileachadh air ann an Liosta Urraman na Bliadhna Ùire bho chionn còig bliadhna. Chan eil ann a sin ach blasad dhen bheatha inntinneach agus trang a th' air a bhith aige gu ruige seo.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 26 Mar 2023 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal