còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha an t-seachdain sa ga chomharrachadh mar Neurodiversity Week a tha a' tarraing aire gu mar as urra dhan eanchainn a bhith ag obair ann an dòighean eadar-dhealaichte. Tha iomairt eile a dol na chois, a tha a' tarraing aire, fad na seachdain, gu Cà nan-soidhnidh. An-diugh, tha Murchadh MacLeòid, a tha ag obair aig Bòrd Slà inte nan Eilean Siar a' dol a mhìneachadh mar a bhios seirbheis slà inte na h-Alba a' brosnachadh 's a' cur taic ri daoine.
Agus cluinnidh sinn bho Chalum Iain Bartlett mu na h-innealan didsiteach a tha ri fhaotainn airson taic a thoirt do dhaoine aig a bheil trioblaidean le fradharc agus claisneachd.
Thòisich prògram aithriseach ùr air Seanail 4 a-raoir mu Paula Yates, a bha fìor ainmeil tro na 80an 's na 90an mar phreasantair telebhisein. Bhà saich i gu h-obann sa bhliadhna 2000 aig aois 41. Bha e air a rà dh gu robh i cho ainmeil na là ris a' Bhana-phrionnsa Diana. Carson? Agus cò ris a tha am prògram ùr seo coltach? Tha Cathy ann an còmhradh ri feadhainn a bha ga choimhead a-raoir.
Agus tha Calina NicDhòmhnaill a' toirt dhuinn comhairle air dè a tha còir againn a chumail sa frids agus dè an sgealf air am bu chòir na nithean sin a bhith.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 14 Mar 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 14 Mar 2023 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal