Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Bheil sibhse dualtach a bhith cà rnadh 's a glèidheil stuth a-staigh, seach ga chur a-mach?! Tha sreath ùr dhen phrògram, Sort Your Life Out, air a' BhBC an-drà sta, far a bheil am preasantair Stacey Solomon a' toirt taic do dhaoine ann a bhith a' sgioblachadh na th' aca a-staigh do stuth. Tha sinn a' cluinntinn bho thriùir mu dè bhios iad fhèin a' dèanamh son na fà rdaichean aca fhèin a' chumail sgiobalta agus ann an òrdugh!
Tha Catriona Mhoireach agus Iain MacAmhlaigh a' dèanamh lèirmheas air taisbeanadh ealain sònraichte de sheallaidhean air beatha là itheil an Ghlaschu sna tritheadan. 's e an-diugh an latha mu dheireadh a tha iad ri am faicinn ann an Ionad Bhùithtean a Forge air taobh an ear a’ bhaile. Chaidh na deilbh a pheantadh leis an fhear-ealain Tom McGoran, a tha aig aois ceithir fichead ‘s a còig deug, a' taisbeanadh a chuid ealain airson a' chiad uair.
Tha sinn a' cumail oirnn a' toirt sùil air Gà idheil a thadhail air an Antartaig. Tha Cairistìona Allon agus Derek Greumach a' cuimhneachadh air an turas a rinn an athraichean fhèin dhan Antartaig agus mar a phiobraich sin iad fhèin gus a dhol ann.
'S i Criosaidh Webb, cèiliche na seachdain. Tha Criosaidh na tasglannaiche aig leabharlann mòr, ainmeil am Bodleian ann an Oxford. 'S ann à Bail' Ailein ann a Leòdhas a tha Criosaidh agus tha sinn a' cluinntinn mar a thà inig i gu bhith aig te de na leabharlainn as sine san Roinn Eòrpa.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 26 Feb 2023 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal