Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Fearghas MacBheathain

Seirbheis Ghàidhlig còmhla ri Fearghas MacBheathain. Gaelic Service conduced by Fergus MacBain.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 86: 15-16 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglais Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 66: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Ailig Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Phabil ann an Uibhist a Tuath.
Salm 32: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Tormod MacIllIosa a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille-Mhoire san Eilean Sgiathanach.

Leughadh: 2 Samuel 12: 1-13
Ceann-teagaisg: Salm 51: 10

'S ann do Chnoc an Torran ann an Uibhist a Tuath a bhuineas Fearghas MacBheathain. Fhuair e oideachadh ann am Bun- agus Àrd-sgoil Phaibil an Uibhist a Tuath. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil chur e ùine seachad ag obair mar phosta. Ann an 1990 thill e air ais dhan sgoil, agus an turas seo bha e a' frithealadh Sgoil Lionacleit airson dà bhliadhna. Bha seo mar phàirt den obair ullachaidh a bh' aige ri dhèanamh agus e a' dol a-staigh airson a bhith na mhinistear. Chur e seachad ùine ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart na oileanach agus chrìochnaich e an obair ullachaidh aige ann an Obar Dheathain. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille-Mhoire agus Paibil an Uibhist a Tuath. Às dèidh sin ghluais e gu coitheanal a' Chnuic anns an Rubha ann an Leòdhas. Tha Fearghas agus a bhean Ella 's an dithis chloinne aca air ais ann an Uibhist a Tuath agus, ged nach eil e a' leantainn dreuchd ministeir, bidh e fhathast bho àm gu àm a' searmonachadh anns an sgìre aige fhèin. Tha e an-diugh a' sàs ann an obair chroitearachd agus ann an obair chlèireachd. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin is toigh leis a bhith ag obair air a' chroit, anns a' ghàrradh agus a' gabhail beagan fois a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 26 Feb 2023 21:00

Broadcasts

  • Sun 26 Feb 2023 09:00
  • Sun 26 Feb 2023 21:00