Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1231
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1231. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 19 Feb 2023
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 927
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1231
Duration: 04:59
Litir 1231: An t-Urr. Seumas MacDhonnchaidh (1)
O chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh ainm-srà ide ùr a thaghadh airson raon-taigheadais ùr ann an Calasraid anns na Tròisichean. ʼS e an t-ainm a th’ air an t-srà id ‘Robertson Way’. Tha e a’ cuimhneachadh fear ainmeil à Calasraid fhèin.
B’ esan an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh – James Robertson – a bha na mhinistear paraiste ann an Calasraid anns an ochdamh agus naoidheamh linn deug. Rinn e a dhìcheall airson à iteachas agus foghlam adhartachadh anns an sgìre aige.
A bharrachd air sin, sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a ceithir (1794). Chan e earrann bheag a th’ ann idir – tha caogad ʼs a seachd duilleagan innte! Agus tha tòrr fiosrachaidh innte mun Ghà idhlig agus dualchas nan Gà idheal.
Rugadh Seumas MacDhonnchaidh ann an Calasraid ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1739). Phòs e tè Iseabail Ghreumach agus bha aon duine deug aca de chloinn. Chaochail dithis aca nuair a bha iad nan leanaban, ach rà inig a’ chuid a bu mhotha dhiubh deagh aois.
Anns an Litir seo, tha mi airson rud no dhà innse dhuibh a sgrìobh Mgr MacDhonnchaidh mun Ghà idhlig. Tha mi an dùil gun robh Gà idhlig aige bho dhùthchas. ʼS e sgìre Ghà idhealach a bh’ anns na Tròisichean an uair sin. Eadhon aig deireadh an naoidheamh linn deug, bha Gà idhlig fhathast aig ceathrar às gach deichnear anns an dùthaich timcheall Chalasraid.
Mar mhinistear, bha Seumas MacDhonnchaidh eòlach air Laidinn agus air an t-Seann Ghreugais. Tha e ag innse don leughadair anns a’ chunntas aige gu bheil an aon fhacal ann airson ‘an Tì as à irde’ ann an Gà idhlig agus Greugais – Dia. Tha e cuideachd ag rà dh gu bheil an aon fhacal ann an Gà idhlig agus Laidinn airson ‘land’, ‘castle’ agus ‘harbour’. Feumaidh gun robh e a’ beachdachadh air tìr, caisteal agus port. Chan eil e deònach a rà dh, ge-tà , dè an cà nan anns an robh na faclan sin bho thùs. An ann bhon Laidinn gu Gà idhlig a chaidh iad, no an robh iad air a dhol dhan Laidinn bho sheann chà nan nan Ceilteach.
Mar mhinistear, tha e inntinneach gu bheil uiread de dh’ùidh aige ann an creideamh nan draoidhean, ach tha. Tha e ag innse dhuinn gun robh na clachan seasaimh aig na draoidhean fìor chudromach dhaibh – agus do na daoine a bha beò ri an linn. Tha e a’ sgrìobhadh seo – agus canaidh mi ann am Beurla e, mar a tha e sgrìobhte aige. ‘... the same expression, which the people then used for their place of worship, is still used to this day; as the Highlanders more frequently say, ‘Will you go to the stones’ or ‘Have you been at the stones?’ than ‘Will you go to, or have you been, at church?’
Bha e a’ ciallachadh le sin, gum bi sinn a’ cleachdadh an fhacail clachan airson eaglais no baile ri taobh eaglais. An robh thu aig a’ chlachan? Were you at church? Anns an latha an-diugh, chanainn nach eil sin idir cho cumanta ʼs a bha e ri linn Sheumais MhicDhonnchaidh. Ach, gu traidiseanta, chan e ‘Ministear na Comraich’ a chanadh mo shinnsirean fhèin ach ‘Ministear a’ Chlachain’ airson ‘the minister of Applecross’. Agus ʼs e ‘Eaglais a’ Chlachain’ a chanas sinn fhathast ris an t-seann eaglais againn. Tuilleadh bhon Urr. Seumas MacDhonnchaidh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Na Tròisichean: The Trossachs; an t-Seann Ghreugais: Ancient Greek; sinnsirean: ancestors.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: chaidh ainm-srà ide ùr a thaghadh airson raon-taigheadais ùr: a new street name was chosen for a new housing scheme; Calasraid anns na Tròisichean: Callander in the Trossachs; b’ esan an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh: he was the Reverend James Robertson; a bha na mhinistear paraiste: who was parish minister; rinn e a dhìcheall airson à iteachas agus foghlam adhartachadh: he made every effort to advance agriculture and education; sgrìobh e an earrann mu Chalasraid anns an t-Seann Chunntas Staitistigeach: he wrote the section about Callander in the Old Statistical Account; phòs e tè Iseabail Ghreumach: he married an Isabella Graham; bha aon duine deug aca de chloinn: they had eleven children; chaochail dithis aca nuair a bha iad nan leanaban: two of them died when they were infants; tha mi an dùil gun robh Gà idhlig aige bho dhùthchas: I imagine he spoke Gaelic as a native; ceathrar às gach deichnear: four people out of every ten; an Tì as à irde: the Supreme Being; an robh iad air a dhol dhan Laidinn bho sheann chà nan nan Ceilteach: had they gone into Latin from the ancient language of the Celts; tha e inntinneach gu bheil uiread de dh’ùidh aige ann an creideamh nan draoidhean: it’s interesting that he has so much interest in the religion of the druids; gun robh na clachan seasaimh aig na draoidhean fìor chudromach dhaibh: that the standing stones were extremely important to them; chanainn nach eil sin idir cho cumanta ʼs a bha e ri linn Sheumas MhicDhonnchaidh: I’d say that that is not at all as common as it was in James Robertson’s day.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a sgrìobh Mgr MacDhonnchaidh mun Ghà idhlig: that Mr Robertson wrote about Gaelic. Note that Robertson is MacDhonnchaidh not MacRaibeirt, although you will also see Robasdan. Also using the surname with Mgr (Maighstir) is a common form of address for a Protestant Minister (if ‘An t-Urramach’ or ‘Reverend’ is not being used). With Catholic Priests and traditionally with Episcopalian (Anglican) Priests, we use the person’s given name rather than their surname e.g. Mgr Ailean, Mgr Alasdair.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: rà inig a’ chuid a bu mhotha dhiubh deagh aois: most of them reached a good age.
Broadcast
- Sun 19 Feb 2023 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.