Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Tha ceòl clasaigeach ga chleachdadh ann am bùth McDonalds sa Chuimrigh gus teich, neo co-dhiù socrachadh, a thoirt air sglàirean òigridh a bhios a' tadhal ann feadh na h-oidhche. Dè seòrsa buaidh a tha ceòl a' toirt air ar sunnd agus carson?

Tha Calina NicDhòmhnaill a' leantainn oirre le sreath air na rudan a tha sinn a' cur air ar biadh airson blas a chur ris. Tha i a' toirt sùil air mustard.

Leis gu bheil comhairle na Gàidhealtachd an dùil gluasad a-mach à Taigh a' Bhaile, togalach eachdraidheil anns a bheil iad air a bhith coinneachadh bho 1882, air an oiseanan Àrd-Shràid agus Sràid a' Chaisteil ri linn 's g bheil e air fàs ro chosgail a chumail a' dol, tha sinn a' faighneachd dè cho cudromach 's a tha e seann thogalaichean a dhìon san bailtean againn agus dè na h-atharraichean a tha a' tighinn air meadhan baile Inbhir Nis fhèin?

Tha sinn a' cumail oirnn a' toirt sùil air Gàidheil a thadhail air an Antartaig. Chuala sinn an t-seachdain a chaidh mu Mhurchadh Moireasdan à Nis ann a Leòdhas a bh' air criutha an Discovery eadar 1929 agus 1931 a' dol dhan Antartaig. An-diugh, cluinnidh sinn mu sgiobair an turais, an Caiptean Coinneach Tormod MacChoinnich, à Tiriodh.

57 minutes

Last on

Sun 12 Feb 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 12 Feb 2023 12:00