Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1229
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1229. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 5 Feb 2023
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 925
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1229
Duration: 05:00
Litir 1229: E.G. Ravenstein agus A' Ghà idhlig (2)
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun phà ipear a sgrìobh E. G. Ravenstein mu staid nan cà nanan Ceilteach. Ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879), bha Gà idhlig aig 89.6 às a’ cheud (%) de mhuinntir Siorrachd Chataibh. Bha sin na b’ à irde na siorrachd sam bith eile. Air an t-slait-thomhais sin b’ e Cataibh an t-siorrachd a bu Ghà idhealaiche ann an Alba aig an à m sin.
Ach math dh’fhaodte gu bheil dòighean eile ann coimhead air a’ chùis. Rinn Ravenstein tomhas cuideachd air na sgilean cà nain aig daoine anns na ceà rnaidhean far an robh Gà idhlig aig a’ mhòr-chuid. ʼS ann anns na sgìrean sin a bha a’ chuid a bu mhotha de na daoine aig nach robh Beurla.
Anns na siorrachdan a leanas, bha a h-uile duine aig an robh Gà idhlig cuideachd fileanta ann am Beurla: Gallaibh, Farfair, Sruighlea agus Dùn Breatann. Bha siorrachdan eile ann far an robh na bu lugha na aonan às a’ cheud gun chomas ann am Beurla. B’ iad sin Eilginn, Banbh agus Bòd. Agus bha siorrachdan ann le na bu lugha na sia às gach ceud gun Bheurla – Siorrachd Narann, Siorrachd Pheairt agus Siorrachd Chataibh. Seadh, ged a bha Cataibh fhathast gu math Gà idhealach, bha a’ Bheurla a’ sìor thighinn a-steach.
Dè, ma-thà , an t-siorrachd a bu mhotha anns an robh daoine gun Bheurla? Bha Siorrachd Inbhir Nis, le trithead ʼs a ceithir às a’ cheud (34%) aig nach robh Beurla. Bha na figearan airson Rois is Chrombaidh agus Earra-Ghà idheal na b’ ìsle – aig 14% agus 17%.
 Chuir e iongnadh orm gun robh am figear airson Siorrachd Inbhir Nis cho à rd, ach bha e a’ gabhail a-steach Na Hearadh, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus taobh an iar Loch Abar. Sgrìobh Ravenstein gur ann anns na h-Eileanan an Iar a b’ fhaide a mhaireadh a’ Ghà idhlig. Cha robh Beurla aig dà thrian de na daoine agus bha clann luchd-imrich a’ togail a’ chà nain. Ge-tà , sgrìobh e seo: bha foghlam anns a’ chuid a bu motha de na sgoiltean ann am Beurla a-mhà in agus, aig a’ cheann thall, ʼs ann aig a’ Bheurla a bhiodh là mh-an-uachdair.
Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar trì eileanan ann an Linne Chluaidh. Ann an Cumaradh, bha an sluagh air a dhol Gallta uile-gu-lèir. Bha cùisean eadar-dhealaichte ann an Eilean Bhòid. Bha sluagh mòr a’ fuireach ann – còrr is deich mìle duine. Bha Gà idhlig fhathast aig ochd-deug às a’ cheud de mhuinntir an eilein agus bha ceud gu leth duine aig nach robh Beurla.
Ach tha Ravenstein ag innse dhuinn gur ann à Earra-Ghà idheal a thà inig a’ chuid a bu mhotha de na Gà idheil Bhòdach. Mura b’ e sin, tha e ag rà dh, bha a’ Ghà idhlig air a dhol à bith ann am Bòd roimhe sin.
Ach nach èist sibh ris na figearan airson Eilean Arainn. Bha Ravenstein dhen bheachd gun robh Gà idhlig aig naoinear às gach deichnear. Bha iad, ge-tà , uile dà -chà nanach. Mean air mhean, bha a’ Bheurla a’ faighinn là mh an uachdair. Bha a’ Ghà idhlig ga cleachdadh anns an dà rna cuid de sheirbheisean eaglais ach cha robh i anns na sgoiltean gu ìre mhòr sam bith. Seachd bliadhna an dèidh do dh’Achd an Fhoghlaim thighinn gu bith, chan eil sin na iongnadh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: fileanta: fluent; Siorrachd Narann: Nairnshire; Siorrachd Pheairt: Perthshire; na b’ ìsle: lower; dà thrian: two-thirds; na Gà idheil Bhòdach: the Bute Gaels; là mh an uachdair: the upper hand.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: de mhuinntir Siorrachd Chataibh: of the people of the county of Sutherland; na ceà rnaidhean far an robh Gà idhlig aig a’ mhòr-chuid: the areas where Gaelic was spoken by a majority; ʼs ann anns na sgìrean sin a bha a’ chuid a bu mhotha de na daoine aig nach robh Beurla: it’s in those areas that [lived] most of the people who did not speak English [monoglot Gaels]; Gallaibh, Farfair, Sruighlea agus Dùn Breatann: Caithness, Forfar, Stirling and Dumbarton; far an robh na bu lugha na aonan às a’ cheud gun chomas ann am Beurla: where less than one percent were without English language skills; Eilginn, Banbh agus Bòd: Elgin, Banff and Bute; an t-siorrachd a bu mhotha anns an robh daoine gun Bheurla: the county with the greatest number of people with no English; airson Rois is Chrombaidh agus Earra-Ghà idheal: for Ross and Cromarty, and Argyll; chuir e iongnadh orm: it surprised me; Na Hearadh, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus taobh an iar Loch Abar: Harris, Uist and Barra, Skye and west Lochaber; bha clann luchd-imrich a’ togail a’ chà nain: the children of immigrants [mostly from other parts of Scotland] were picking up the language; ann an Cumaradh, bha an sluagh air a dhol Gallta uile-gu-lèir: in Cumbrae, the population had gone completely non-Gaelic; naoinear às gach deichnear: nine out of every ten people; seachd bliadhna an dèidh do dh’Achd an Fhoghlaim thighinn gu bith, chan eil sin na iongnadh: seven years after the Education Act came into being, that’s not a surprise.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Air an t-slait-thomhais sin b’ e Cataibh an t-siorrachd a bu Ghà idhealaiche: on that yardstick, Sutherland was the most Gaelic county. The Gaelic for ‘yardstick’ is slat-tomhais. Slat is a feminine word, and this determines the gender of the compound noun. One might therefore expect slat-thomhais with the second (descriptive) element lenited, but the terminal ‘t’ in slat tends to block this through homophony. In the dative case (following a preposition) with the article, slat is traditionally slenderised to slait. The slenderised ‘t’ is less homophonic to the initial ‘t’ in tomhais so we are more likely to slenderise the second element in modern usage, as would be the case without homophony. Thus, we say air an t-slait-thomhais.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: sia às gach ceud: six percent (this is one way of saying it).
Broadcast
- Sun 5 Feb 2023 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.