còmhla ri Maureen Nicleòid
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Maureen Nicleòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen Macleod.
Tha 70 bliadhna bho thà inig am bà ta Clan MacQuarrie air tìr le droch shìde air cladach Bhuirgh air taobh siar Eilean Leòdhais. Gheibh sinn na cuimhneachain aig Cathy Ann Mhoireasdain a bha ochd bliadhna a dh'aois aig à m na tubaist.
Mar a tha cùisean an-drà sta gheibh daoine peinnsean na stà it ann am Breatainn nuair a ruigeas iad aois 67 ann an 2028, agus 68 mun à m a thig 2046, ach tha an riaghaltas an-drà sta a’ sgrùdadh le beachd à rdachadh a-rithist. Ach a bheil daoine deònach a bhith ag obair gum bi iad faisg air 70? Gheibh sinn beachd thriùir air a' chùis.
Tha Buill Phà rlamaid ann a Westminster air taic a thoirt do bhile a tha a' moladh nach fhaod an luchd-obrach air fad ann an cuid de sheirbheisean poblach a dhol air stailc, ach gu feum gu leòr de luchd-obrach a bhith ag obair airson na seirbheisean a chumail a' dol. Theid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air a' bhile ann an Taigh nam Morairean mus bi e laghail. Mìnichidh Tòmas MacAilpein, a tha na bhall den aonadh an UCU agus a bha air stailc DiCiadain, na tha na h-atharraichean a' ciallachadh dha na h-aonaidhean-ciùird agus nì am fear-naidheachd, Aonghas Dòmhnallach, comas eadar mar a bha cùisean sna 70an 's na 80an agus mar a tha cùisean an-diugh le strì eadar an riaghaltas agus luchd-obrach airson à rdachadh pà ighidh.
Chaidh leabhar ùr, Gun Sireadh, Gun Iarraidh - The Tolmie Collection, fhoillseachadh aig cùirm-chiùil Celtic Connections oidhche Haoine. Innsidh Ceana Chaimbeul dè a thug oirre ùrachadh a dhèanamh air an t-seann leabhran de dh'òrain 's de dh' fhuinn a bha Frances Tolmie air cruinneachadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 5 Feb 2023 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal