Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacLeòid an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service conducted by Rev John MacLeod from the Free Church (Continuing).
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 48: 13-14 air fonn Walsall agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Free North ann an Inbhir Nis.
Salm 16: 8-9 air fonn Kilmarnock agus 's e Calum Mà rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 24: 9-10 air fonn Montrose agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughaidhean:
Gnìomharan nan Abstol 1: 6-12
Soisgeul Lùcais 24: 49-53
Ceann-teagaisg:
Soisgeul Lùcais 24: 49-53
Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gà irnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bà n.
Last on
Broadcasts
- Sun 29 Jan 2023 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Jan 2023 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal