Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

An t-Urr Iain M Mac a' Ghobhainn nach maireann, an turas à clachan Shiadair gu Clachan Uibhist. The late Rev John M Smith and his journey from Shader, Lewis to Clachan, Uist.

Ged a rugadh an t-Urramach Iain M Mac a' Ghobhainn, John Murdo an Tucsain, ann an Leòdhas anns an Lùnastal 1927, chanadh e fhèin nach mòr nach e Uibhisteach a bh' ann. Dh'fhalbh e à Leòdhas aig aois 18, nuair a chaidh e do Fheachd an Adhair, agus bha e an Uibhist còrr math air leth-cheud bliadhna.
B' e an treas mac aig Alasdair Iain Sheònaid à Siadar agus bhuineadh a mhàthair, Oighrig Iain Uilleim Ruaidh, do sgìre Bharabhais. Bha còignear theaghlach aca - Dòmhnall Iain, Uilleam, John Murdo, Catrìona agus Dòmhnall Murdo. Clann an Tucsain a chanar riutha, an t-ainm a' tighinn bhon athair a chuir seachad ùine an Ameireagaidh na òige.
Chaidh Iain do Sgoil Àirigh an Tuim agus às dèidh an sgoil fhàgail aig aois 14, bha e a' dèanamh obair sam bith a bha dol, a' cuideachadh le obair fearainn agus le togail thaighean. Aig aois 18 chaidh a thogail do Fheachd an Adhair. An dèidh greis a' trèanadh ann an Sasainn am meadhan nan dà fhicheadan, chaidh e dhan Èiphit agus às dèidh sin a dh'Iraq.

Thill John Murdo à Feachd an Adhair air ais a Shiadar ann an 1948 agus bliadhna an dèidh sin thàinig atharrachadh na bheatha nuair a bha dùsgadh spioradail as a' sgìre ri linn an t-soisgeulaiche an t-Urr Donnchadh Caimbeul. Chuir John Murdo aghaidh air foghlam agus ullachadh airson a bhith na mhinisteir. An 1956, cho luath 's a bha e ullamh, fhuair e gairm a dh'Uibhist a Deas, bho choitheanal Eaglais Tobha Mòr. Bha trì eaglaisean rim frithealadh as a' sgìre - ann an Tobha Mòr, san Druim Mòr agus san Ìochdar. 'S ann an eaglais an Ìochdair a choinnich e ri bhean, Mairead Nic a' Phearsain, a bha na tidsear bun-sgoil agus, dà bhliadhna an dèidh dha dhol a dh'Uibhist, phòs iad.

Bha an t-Urr Mac a' Ghobhainn air a bhith ann an Tobha Mòr seachd no ochd a bhliadhnaichean nuair a fhuair e gairm bho choitheanal Loch nam Madadh is Thruimisgearraidh. Ghluais e gu tuath ann an 1963. Shaothraich e an Uibhist a Tuath airson deich bliadhna fichead, a' frithealadh trì eaglaisean an Truimisgearraidh, Loch Portain agus Loch nam Madadh. Tha e air a dhreuchd a leigeil dheth ach tha e fhathast a' fuireach a Loch nam Madadh. Tro na bliadhnaichean a bha e ag obair an Uibhist a Tuath, bha e a' smaoineachadh gun d' rinn e mu shia mìle searmoin, gun do bhaist e còrr air dà cheud pàiste agus gun do phòs e ceithir fichead càraid 's a deich.

Chaidh Bonn ÃŒmpireachd Bhreatainn, am BEM, a bhuileachadh air an Urr Iain M Mac a' Ghobhainn ann an Liosta Urraman na Banrigh ann an 2016 agus b' e sin a' bhliadhna cuideachd a chomharraich e tri fichead bliadhna bho ghabh e dreuchd ministeir.

Bhàsaich Mgr Mac a' Ghobhainn air an treas là deug den Dùbhlachd 2022 aig aois ceithir fichead 's a còig deug.

30 minutes

Last on

Sun 29 Jan 2023 10:00

An t-Urr Iain M Mac a' Ghobhainn nach maireann

An t-Urr Iain M Mac a' Ghobhainn nach maireann

Clann an Tucsain

Clann an Tucsain

Broadcasts

  • Mon 23 Jan 2023 15:30
  • Wed 25 Jan 2023 20:00
  • Sun 29 Jan 2023 10:00