Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1227
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1227. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 22 Jan 2023
13:55
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 923
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1227
Duration: 05:00
Litir 1227: Coille 'Rìoghail' na Gà idhealtachd
An cuala sibh riamh am beachd gum bu chòir do choille mhòr ‘rìoghail’ a bhith air a cur air a’ Ghà idhealtachd? Chan e coille de chraobhan-durcain à tìrean cèin, a tha cho pailt an-diugh, ach coille-dharaich. Coille dhùthchasach.
Bha mi a’ leughadh pà ipear an latha eile a chaidh fhoillseachadh le Comann Àrsairean na h-Alba ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793). Bha e air a sgrìobhadh le fear ‘John Williams, Mineral Surveyor’. Bha e a’ moladh plana airson ‘Coille Dharaich Rìoghail’ a chur air a’ Ghà idhealtachd.
Nise, chan aithne dhomh cus mun duine fhèin, John Williams. Tha e coltach gun robh e ainmeil na latha fhèin. Sgrìobh e leabhar – The Natural History of the Mineral Kingdom.
Anns a’ phà ipear mu choilltearachd, sgrìobh Williams gun robh mìltean de dh’acairean air a’ Ghà idhealtachd a bhiodh freagarrach airson chraobhan. Ge-tà , cha robh an fheadhainn a bh’ ann mu-thrà th a’ fàs mar bu chòir. Bha iad air an cumail sìos le gobhair agus crodh a bha ag ionaltradh orra. Tuigidh sibh, aig deireadh an ochdamh linn deug, nach robh caoraich fhathast pailt air a’ Ghà idhealtachd.
Tha Williams cuideachd a’ cà ineadh nan Gà idheal, ag rà dh gun robh iad a’ marbhadh nan craobhan-daraich le bhith a’ gearradh an rùisg dhiubh. Bha sin airson leathar a chartadh. Ach tha e a’ cà ineadh nan uachdaran, am bà illidhean agus na fir-taca gu dubh. An fheadhainn a bha an sàs ann an ionaltradh, sgrìobh e, cha robh iad a’ tuigsinn gum bu chòir dhaibh a bhith cùramach don choille cuideachd.
Tha e inntinneach gur e taobh an iar na Gà idhealtachd as motha a bha fo a phrosbaig. Bha adhbhar aige airson sin. Tha lochan-mara pailt ann. Ruigidh iad taobh a-staigh na dùthcha. Do Williams, bha iad mar ‘chanà laichean’, a’ toirt deagh chothrom do dhaoine fiodhrach a thoirt às an dùthaich. Mar a bha mòran eile, bha Williams a’ tomhas na Gà idhealtachd mar à ite às an toirte rudan a bha goireasach do Bhreatainn anns an fharsaingeachd.
Gu sònraichte, bha e ag ainmeachadh nan à iteachan a leanas: A’ Chòigeach ann an Ros an Iar, Loch Iall, Loch Lòchaidh, Loch Lìobhann agus Loch Airceig ann an Loch Abar, agus faisg air Uisge Spè. Bha e a’ moladh uachdarain ann an Àird nam Murchan, Siorrachd Pheairt agus pà irtean de dh’Earra-Ghà idheal. Ach sgrìobh e gun robh coilltean ceann an iar-thuath na Gà idhealtachd air an cur air dearmad.
Agus dè an lèirsinn a bh’ aige? Bha gum biodh craobhan-daraich air an cur agus air an dìon gus am fà sadh iad mòr mòr. Bhiodh iad air an toirt air falbh aig muir gu ceà rnaidh sam bith ann am Breatainn airson longan a thogail. Dh’fhaodadh coille mhòr air a’ Ghà idhealtachd a bhith na bu ghoireasaiche do rìoghachd le cabhlach na gin sam bith eile anns an Roinn Eòrpa.
Cha robh Williams buileach a’ dìochuimhneachadh muinntir an à ite, ge-tà . Sgrìobh e gum faigheadh daoine obair ann an coilltearachd, gun dèanadh na h-uachdarain prothaid nas motha agus gum b’ urrainn gnìomhachas togail-longan a shuidheachadh anns a’ Ghearasdan. Bha e airson ʼs gun cuireadh an riaghaltas na h-oighreachdan a fhuair iad bho uachdarain Sheumasach fo smachd à rd-choilltear agus coille mhòr a chur orra.Â
Uill, bidh fios agaibh nach do thachair e. Ach, nam bitheadh e air tachairt, bhiodh a’ Ghà idhealtachd gu math eadar-dhealaichte an-diugh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: coille-dharaich: oakwood, oak forest; dùthchasach: native; Comann Àrsairean na h-Alba: Society of Antiquaries of Scotland; coilltearachd: forestry; acairean: acres; caoraich: sheep; A’ Choigeach: Coigach; Loch Iall: Loch Eil; Loch Lòchaidh: Loch Lochy; Loch Lìobhann: Loch Leven; Loch Airceig: Loch Arkaig; Àird nam Murchan: Ardnamurchan.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: gum bu chòir do choille mhòr ‘rìoghail’ a bhith air a cur air a’ Ghà idhealtachd: that a great ‘royal’ forest should be planted in the Highlands; chan e coille de chraobhan-durcain à tìrean cèin: not a forest of coniferous trees from foreign lands; chan aithne dhomh cus mu: I’m not too familiar with; a’ fàs mar bu chòir: growing as they should; air an cumail sìos le gobhair agus crodh: kept down by goats and cattle; a’ cà ineadh nan Gà idheal: criticizing the Highlanders; a’ marbhadh nan craobhan-daraich le bhith a’ gearradh an rùisg dhiubh: killing the oak trees by cutting their bark off; airson leathar a chartadh: for tanning leather; a’ cà ineadh nan uachdaran, am bà illidhean agus na fir-taca gu dubh: strongly criticizing the landlords, their factors and the tacksmen; gur e taobh an iar na Gà idhealtachd as motha a bha fo a phrosbaig: that it was the western Highlands that mostly received his attention; bha iad mar ‘chanà laichean’, a’ toirt cothrom do dhaoine fiodhrach a thoirt às an dùthaich: they were like ‘canals’, giving an opportunity to people to extract timber from the country; gun robh X air an cur air dearmad: that X had been neglected; gu ceà rnaidh sam bith airson longan a thogail: to any locality to build ships; na bu ghoireasaiche do rìoghachd le cabhlach na gin sam bith eile anns an Roinn Eòrpa: more convenient to a country with a navy than any others in Europe; gum b’ urrainn gnìomhachas togail-longan a shuidheachadh anns a’ Ghearasdan: that a ship-building industry could be established in Fort William; bha e airson ʼs gun cuireadh an riaghaltas na h-oighreachdan a fhuair iad bho uachdarain Sheumasach fo smachd à rd-choilltear: he wanted the government to put the estates annexed from Jacobite landlords to be put under the control of a senior forester.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: à ite às an toirte rudan a bha goireasach do Bhreatainn anns an fharsaingeachd: a place from which resources for Britain in general could be taken. Toirte/thoirte means ‘would be taken’ and can be used in the sense of ‘could be taken’. It is a passive conditional form of the irregular verb thoir.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: dè an lèirsinn a bh’ aige?: what was his vision?
Broadcast
- Sun 22 Jan 2023 13:55Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.