Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Iain MacÌomhair agus Agnes Rennie le sùil air colbhan-beachd pàipearan an deireadh sheachdain. Iain MacIver and Agnes Rennie review the weekend newspaper columns.

Tha Iain MacÌomhair agus Agnes Rennie a' toirt sùil air colbhan-beachd pàipearan an deireadh sheachdain.

Tha dràma telbhisean ùr stèidhichte air clàr-ola sa Chuan a Tuath, a' tarraing aire mhòr. Anns an dràma, The Rig, tha buidheann de luchd-obrach na h-ola glaiste le droch shìde air bòrd clàr, 's cùisean a' fàs car dorcha nam measg. Chaidh a sgrìobhadh le Daibhidh Mac a' Phearsain a' fhuair eòlas air obair làitheil nan clàran-ola bho athair, a bha togail a chosnadh sa Chuan a Tuath. Tha an cleasaiche ainmeil Martin Compston am measg nam prìomh charactaran. Tha sinn a' faighinn beachd air The Rig bho Dòmhnall Iain Camshron a th' air a bhith ga choimhead.

Tha sinn a' faighinn beachd cuideachd air taisbeanadh ùr an Glaschu mu Mhàiri, Banrigh na h-Alba. Tha, The Afterlife of Mary Queen of Scots, ri fhaicinn aig taigh-tasgaidh Hunterian aig Oilthigh Ghaschu.

57 minutes

Last on

Mon 9 Jan 2023 22:25

Broadcasts

  • Mon 9 Jan 2023 09:00
  • Mon 9 Jan 2023 22:25