Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1223
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1223. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Christmas Day 2022
16:00
Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 919
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1223
Duration: 05:00
Litir 1223: PÃ raig an Ã’ir
Bha mi a’ seòladh turas faisg air ceann an iar-dheas Mhuile agus tha cuimhne agam gun robh e gu math cunnartach. Tha sreath sgeirean agus bodhachan an sin a tha clà raichte air na cairtean-mara mar ‘Torran Rocks’. Anns an t-seann aimsir, feumaidh gun robh iad air leth cunnartach do mharaichean.
Tha sgeul beag agam dhuibh an t-seachdain seo a tha a’ tòiseachadh anns an sgìre sin. ʼS e an t-ainm a th’ air ‘Pà raig an Òir’. Latha a bha seo, bha Pà raig agus dithis eile ag iasgach an sin. Chunnaic iad long mhòr. Bha i a’ dèanamh air na sgeirean. Dh’fheuch na h-iasgairean ri rabhadh a thoirt don sgiobair mun chunnart.
Thà inig an long faisg orra. Dh’èigh an sgiobair, nan tigeadh fear dhen triùir aca air bòrd airson an stiùireadh tro na sgeirean gu sà bhailteachd, gum faigheadh e deagh dhuais. Thilg Pà raig ceann ròpa thuca agus shreap e air bòrd. Rinn e iùil dhaibh, agus fhuair an long tro na sgeirean.
Ge-tà , rinn an sgiobair rud olc. Gheà rr e an ròpa don eathar, a’ fà gail caraidean Phà raig às an dèidh. Thuirt an sgiobair gun robh iad air an t-slighe a dh’Ameireagaidh agus gu feumadh e obair a ghabhail air bòrd mar bhall dhen chriutha. Cha robh taghadh aige.
Nuair a rà inig Pà raig Ameireaga, bha glè bheag de dh’airgead aige agus cha robh Beurla sam bith aige. Chaidh a thoirt a-steach gu oifis far an do bhruidhinn fear ris ann an Gà idhlig. Cò bh’ ann ach am fear leis an robh an long! Dh’inns Pà raig dha gur ann à Eilean Ì a bha e. Mhìnich e dha mar a thachair.
Dh’iarr am fear leis an robh an long air an sgiobair thighinn a bhruidhinn ris. ‘A bheil thu ag aithneachadh an duine seo?’ thuirt e, a’ comharrachadh Phà raig.
‘Tha,’ ars an sgiobair. ‘Bha e na bhall dhen chriutha. Leig mi air a’ chidhe e, nuair a rà inig sinn Ameireaga.’
‘Breugan!’ thuirt fear an luingeis. Agus fhuair an sgiobair a throd. ‘Thalla thus,’ thuirt fear an luingeis ris, ‘agus faigh còig ceud punnd Sasannach a bheir thu don duine seo. Mura dèan thu sin taobh a-staigh dà uair a thìde, bidh thu a’ cur seachad a’ chòrr dhed bheatha sa phrìosan!’
Thug fear an luingeis Pà raig gu bùth airson aodach a cheannach dha. Nuair a thill iad, bha an sgiobair ann le còig ceud punnd ann am buinn òir. Thuirt e gun toireadh e Pà raig dhachaigh a dh’Alba ach dhiùlt fear an luingeis sin. ‘Tillidh Pà raig còmhla riumsa air soitheach eile,’ thuirt e.
Rinn Pà raig mà ileid dha fhèin anns an do chùm e na buinn òir. Rà inig e Grianaig agus ghabh e soitheach gu ruige Muile. Choisich e gu Fionnphort air an Ros Mhuileach agus chaidh e thar a’ chaolais a dh’Eilean Ì. Bha bliadhna air a dhol seachad on a chaidh e air an luing, agus cha robh dùil aig duine gun tilleadh e.
Bha muinntir Ì eòlach air mar Phà raig an Òir. Bho à m gu à m, bhiodh e a’ toirt a-mach bonn òir airson a shealltainn do chloinn an eilein. Dh’innseadh e dhaibh gum b’ e sin an duais a fhuair e bhon latha-iasgaich a b’ fhaide a bh’ aige riamh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: maraichean: mariners; Pà raig an Òir: Peter of the Gold; long: ship; rabhadh: warning; dh’èigh: shouted; olc: evil, bad; ag aithneachadh: recognising; breugan: lies; fear an luingeis: the shipping man [he owned a fleet].
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a’ seòladh turas faisg air ceann an iar-dheas Mhuile: sailing one time near the south-west of Mull; tha sreath sgeirean agus bodhachan an sin: there is a series of skerries and sunken rocks there; clà raichte air na cairtean-mara: recorded on the marine charts; bha i a’ dèanamh air na sgeirean: she was headed for the skerries; nan tigeadh fear dhen triùir air bòrd airson an stiùireadh tro na sgeirean gu sà bhailteachd: if one of the three men would come on board to guide them through the skerries to safety; gum faigheadh e deagh dhuais: that he would be well rewarded; rinn e iùil dhaibh: he guided them; gheà rr e an ròpa don eathar, a’ fà gail caraidean Phà raig às an dèidh: he cut the rope to the fishing boat, leaving Peter’s friends behind them; cò bh’ ann ach am fear leis an robh an long!: who was it but the man who owned the ship; gur ann à Eilean Ì a bha e: that he was from Iona; faigh còig ceud punnd Sasannach a bheir thu don duine seo: get five hundred English pounds that you’ll give to this man; bidh thu a’ cur seachad a’ chòrr dhed bheatha sa phrìosan: you’ll be spending the rest of your life in [the] prison; rinn Pà raig mà ileid dha fhèin anns an do chùm e na buinn òir: Peter made a bag for himself in which he kept the gold coins; rà inig e Grianaig agus ghabh e soitheach gu ruige Muile: he reached Greenock and took a boat to Mull; choisich e gu Fionnphort air an Ros Mhuileach: he walked to Fionnphort on the Ross of Mull; thar a’ chaolais a dh’Eilean Ì: across the sound to Iona; an duais a fhuair e bhon latha-iasgaich a b’ fhaide a bh’ aige riamh: the reward he got from the longest fishing day he ever had.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: fhuair an sgiobair a throd: the captain was scolded. Literally this means ‘the caption got his scolding’; it employs the possessive pronoun. If a female were scolded, we would say ‘fhuair i a trod’; if it were a plural number of people, we would say ‘fhuair iad an trod’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cha robh taghadh aige: he had no choice.
Broadcast
- Christmas Day 2022 16:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.